Page 1 of 1

Air mo bheò-ghlacadh le “mygaelic.com”

Posted: Thu Feb 26, 2009 7:41 am
by Gràisg
Thug Joy Dunlop sùil air an làraich ùr agus sgrìobh i leirmheas. Chan eil i a-mach air mygaelic.com a-màin ge-tà. Sgrìobh i:

'Thòisich mi air treabhadh
tron eadar-lìon a
dh’fhaicinn dè seòrsa
grìogagan Gàidhlig a bh’
ann agus stad mi an
toiseach aig an làraich
abairthusa.com. Coltach
ri facebook, seo làrach
far am faod Gàidheil
tachairt air a chèile agus
conaltradh mu chùisean
Gàidhlig. Eu-coltach ri
làraichean eile, ‘s ann ann
an Gàidhlig a-mhàin a tha
e agus tha e follaiseach gu
bheil coimhearsnachd
bheag ga chleachdadh gu
cunbhalach.'

Tha eòlas aice air Fòram na Gàidhlig agus a' choimhearsnachd air loidhne san fharsaingneachd.

'Tha
coimhearsnachd airson
ionnsachadh is leasachadh
na Gàidhlig aca ri
fhaotainn air
foramgaelic.net agus, ma
tha Gàidhlig agus Gearmailtis
agad, bidh thu air
do dhòigh glan aig schottisch-
gaelisch.de.'

Gheibheir tulleadh air An Gàidheal ùr, Gearainn 09 PDF td2:
http://www.an-gaidheal-ur.co.uk/gearran09.pdf

Posted: Thu Feb 26, 2009 8:47 am
by GunChleoc
Tha sinn anns a' phàipear! :D

Ach tha an ceangal cearr :(

Leig mi fios thuca.