Mygaelic fhathast connspaideach 's ag adhbharachadh deasbaid

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Mygaelic fhathast connspaideach 's ag adhbharachadh deasbaid

Unread post by Gràisg »

My gaelic.com still controversial and causing debate:

Seo na sgrìobh Seon Caimbeul mu a dheidhinn san Albannach am broinn artigail aige a bha a-mach air (Eil BBC Alba fo smachd 'roinnean an t-suarachaidh chultaraich'?)

Thuirt Seon coir,


‘Aidh, cumaibh na tha Gaidhealach am falach air eagal 's gun èirich an sluagh le fearg nuair a gheibh iad a-mach dìreach cho binn blasta 's a bha an cànan 's an cultar a chaidh a thoirt air falbh bhuapa.

Se sin a' chomhairle a tha Bòrd na Gàidhlig a' leantainn le mygaelic.com, portal ùr na Gàidhlig, mas fhìor, anns nach eil nì sam bith connspaideach ach a' phrìs. Tha coltas air gun deach a dhealbhadh le comataidh de thidsearan sgoile, tha e cho leanabail. Prìomh dhuilleag a-mach air cothroman obrach ann an saoghal na Gàidhlig, le dealbh, chan ann de Ghaidhil ghlan ach de Ghaidhil ghleansach. Ghia ‘…


Ach tha Art ga mholadh ge-tà:

Ach tha an cathraiche, Art MacCarmaig, deònach a dhol an sàs air loidhne ann an còmhradh ri luchd dèanadais na Gàidhlig – comharradh a tha glè dhòchasach. Tha BnG fiùs air faighinn cuidhteas an companaidh PR Beurla a bha aca agus Ùisdean MacIllinnein a' dèiligeadh ris na meadhanan air an son a-nis.’

Rud inntinneach eile ‘s e sin na bheachdan a tha tighinn a’ steach dhan duilleig seo, a leithid:

‘Tha puingean math aig an sgriobhadair seo mu cho truagh 's a tha mygaelic.com - 'se cus-naire a tha seo, airson na chosg Bord na Gaidhlig air. Bhiodh e math gu leor airson larach a dheanadh daoine airson mile not. Cha chreid mi nach d'chosg e rud beag a bharrachd.

Tha iad a' cosg fortan air sanasachd. Chosg iad fortan air sanasach air busaichean - obraichean sa Ghaidhlig agus rudan - agus ann an aiteachan poblach an uiridh.

Tha Bord na Gaidhlig a' tilgeil airgead na Gaidhlig air falbh, air rudan mar seo, nuair a bhiodh e na b'fhearr a chosg air rudan doigheil.

Co rinn an co-dhunadh a thaobh mygaelic.com - agus carson a fhuair e 'priority'? Caite a bheil an 'list of priorites' aig Bord na Gaidhlig? Aithnichidh mi aon bhuidhean bheag a chur a-staigh airson taic 2k - agus dh'iult Bord na Gaidhlig cuideachadh a thoirt dhaibh.

Ach deonach gu leor an t-airgead a chosg air 'White Elephants' mar mygaelic.com’


agus

‘Direach. Eil feum againn air tiurr airgid gus ar canan a cleachadadh? Tha an larach a bheir dhuinn faclair Dwelly na ghoireas air leth. The uiread larach eile ann - blogaichean is eile - nach fhaighn sg'nn ruadh bho BnG.

BnG - duisg!’


Gheibhear tuilleadh air larach an Albannach an seo:

http://news.scotsman.com/gaelic/Eil-BBC ... 5025677.jp
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Aidh, 's e struidhe airgid a bh' ann, ach a rinn a rinn agus chan eil an làrach cho dona idir.
Post Reply