Page 1 of 1

A bheil Albais agad?

Posted: Sun Mar 01, 2009 6:17 pm
by GunChleoc

Posted: Sun Mar 01, 2009 9:04 pm
by faoileag
YUCK! :mc:

Uabhasach! :olc:

Posted: Sun Mar 01, 2009 10:03 pm
by Seonaidh
Albais? A bheil sin cànan nan Swabischer Alb? No 's dòcha cànan na h-Eilbheis? Ae dinnae ken. 'S dòcha gum bi facail mar "eleutheria" no "athine" ann - uill,`càit' a bheil iad a' bruidhinn Doirig co-dhiù?

Posted: Mon Mar 02, 2009 12:04 pm
by Níall Beag
Tha mi a' dol le Seonaidh -- 's e ainm fior cheàrr a th' ann an "Albais", agus sin a chiad cànan agamsa (uill, fear de mo dhà chiad chànan, có-dhiubh).

Tha mi coma mu dheidhinn na h-ainm (??), ach 's e facal Gàidhlig a th' ann an "Alba", agus, uill, it's kind o dingin doun the Gallick tae start cryin Scots "Albais", eh no?

Ah dinnae feel insultit by the name "Beurla-Gallda", onyways, cos yez hae ay cryd the Lallans "a' Ghallda".

Posted: Tue Mar 03, 2009 2:51 am
by An Gobaire
Seonaidh wrote:Albais? A bheil sin cànan nan Swabischer Alb? No 's dòcha cànan na h-Eilbheis? Ae dinnae ken. 'S dòcha gum bi facail mar "eleutheria" no "athine" ann - uill,`càit' a bheil iad a' bruidhinn Doirig co-dhiù?
Anns na siorrachdan air taobh an ear-thuath na h-Alba. (Obair Dheathain, Moireabh, Banbh) Ach, ann an Sealtainn agus Arcaibh, tha na dualchainntean acasan gu math coltach ri Doric cuideachd.

Posted: Tue Mar 03, 2009 8:14 pm
by Seonaidh
Seadh, bha fios agam air sin! Cha robh mi ach a' faighinn beagan sbors!

Ach cait' a bheil iad a' bruidhinn Ionic?

Posted: Wed Mar 04, 2009 10:38 am
by an Siarach
Tha Albais gu leor agam. Tha sin ri radh gu bheil Gaidhlig gu leor agam oir 'se a Ghaidhlig "Albais" agus chan e seorsa sam bith de Bheurla. Dona gu leor gu bheil iad a cleachdadh an an t-ainm breugach "Scots" anns an cainnt aca fhein ach chan urrainn dhomh smaoineachadh air cail nas miosa na Gaidheal a cleachdadh an neologism grot, breugach "Albais" mun Bheurla Ghallda. 'Se "English/Inglis" a bh'aca fhein air an canan aca fhein airson a chuid mhor de dh'eachdraidh agus 's e sin ainm fada nas firinneach a thaobh eachdraidh (eachdraidh na h-Alba agus eachdraidh nan Goill fhein) na "Scots".

'S e na Gaidheil a steidhich Alba, chan e na Goill. 'S ann airson na Gaidheil/Scots a chaidh Alba ainmeachadh mar "Scotland", chan ann airson na Goill. 'S ann mar ainm airson na Gaidheil a chaidh am facal "Scots/Scoti" a chruthachadh anns a chiad aite, chan ann airson ainmeachadh na Goill. 'S e English a bhiodh iad ag eigheach oir fhein mar dhaoine airson linntean an deidh do na Gaidheil smachd fhaighinn air Lodainn agus Albannaich a dheanamh dhiu agus 's e English a an t-ainm bhiodh iad cleachdadh airson an canan aca linntean an deidh dhaibh toiseachadh a bruidhinn mun deidhinn fhein mar Scots seach English. ' Se aon de na priomh-bhreugan ann an eachdraidh na h-Alba a th'anns an doigh a bhios daoine ag ainmeachadh a' Bheurla Ghallda/Scottish English mar "Scots" no "Albais".

Posted: Wed Mar 04, 2009 12:27 pm
by Níall Beag
an Siarach wrote:'Se "English/Inglis" a bh'aca fhein air an canan aca fhein airson a chuid mhor de dh'eachdraidh agus 's e sin ainm fada nas firinneach a thaobh eachdraidh (eachdraidh na h-Alba agus eachdraidh nan Goill fhein) na "Scots".
Och, dinnae gie us nane o that keich. Time wis that "French" wis cried "Langue d'Oïl", an afore that it wis "Vulgar Latin". An "French" is historically wrang as the "Franks" wis a Germanic-speakin people, no a Romance speakin yin.

Languages change and their names change with them. While the Scots language may be historically non-Celtic, most speakers of modern Scots are of Celtic descent, and quite a few have Gaelic names.
ag ainmeachadh a' Bheurla Ghallda/Scottish English mar "Scots" no "Albais".
Tha diofar mór eadar "Scots" agus "Scottish English" -- thalla 's leugh rud beag mu na deidhinn.

Any Gael who calls Scots "English" will get hit with the response that Gaelic is "Erse" or "Irish"... and rightly so, because it's exactly the same situation.

I hate the term "Albais" as much as you do, but flinging the "English" tag around doesn't help anyone.

Posted: Wed Mar 04, 2009 2:36 pm
by An Gobaire
Ach, 's e an rud a th' ann a Nèill, nach cluinnear Albannaich ga bruidhinn gu tric idir. 'S e a bhruidhneas iad mar as trice ach Beurla air dòigh Albannach, agus 's e Beurla a th' ann an "Scots" co-dhiù. A' Bheurla Ghallta seach A' Bheurla Shasannach.

Canaidh na Gàidheal gu ceart "Gàidhlig" ris a' Ghàidhlig....agus canaidh muinntir Èirinn an aon rud ris a' Ghàidhlig acasan nuair a bhruidhneas iad anns a' chànan fhèin....chan e EIREANNAIS a bheireas iad oirre ach nuair a bhruidhneas iad ann am Beurla, ged a bhiodh iad ceart sin a dhèanamh!

'S e aon dòigh a bheir fuasgladh air seo anns a' bheurla, a bhith a' cantainn "Scottish" ris a' Ghàidhlig, agus "Scots" ris a' Bheurla Ghallta. Bheireadh iad "Scottish Gaelic" air a' Ghàidhlig agus "Anglo-Scots" ris a' Bheurla Ghallta, ma thogradh iad, mar ainmean slàn gus an suidheachadh a mhìneachadh dha na daoine cèine bochda a tha air iomrall leis a h-uile càil seo!

Posted: Thu Mar 05, 2009 7:46 am
by GunChleoc
Uill, tha a' Bheurla Ghallda eadar-dhealaichte gu leòr bhon Bheurla Shassanach is nach tuigidh mi dad mura bhios iad a' bruidhinn gu mall dhà-rìribh. 'S dòcha gu bheil e caran coltach ri àrd-Ghearmailtis agus an cànan a b' abhaist dhan t-sluagh a bhruidhinn ceann tuath na dùthcha (Platt): tha an dà chuid dlùth an dàimh, ach chan e an aon chànan a th' annta, agus 's e cànan fo chunnart a th' anns a' Phlatt, mar a tha a' Bheurla Ghallda.

Posted: Sat Mar 07, 2009 1:59 am
by Neas Olc
Oooh ainm ùr? Innteannach. Tha i beagan mar a Bheurla dhomhsa cò dhiu. Seòrsa Beurla Mheadhanach bho na Linntean Meadhanach nuair a chaidh an Alba a anglicizing. Mharbh i na Gàidhlig ann an iomadh roinnean nach marbh?