Leig dhe Murray MacLeoid, bhon Ghaidheal Ur, a dhreuchd mar neach deasachaidh - air sgath 'dith-taic' Bord na Gaidhlig
http://www.an-gaidheal-ur.co.uk/mart09.pdf
Bhon Ghaidheal Ur (Màrt 2009)
Gu mì-fhortanach tha a h-uile coltas
ann gur e seo An Gàidheal Ùr mu
dheireadh. Tha e air a bhith ro
dhuilich maoineachadh fhaighinn
bho Bhòrd na Gàidhlig agus chan eil
an taic sin idir coileanta gu leòr airson
seirbheis cheart a chumail a’ dol
— gun luaidh air am pàipear a leudachadh
agus a leasachadh, rud a bu
chòir a bhith san amharc fad na hùine.
Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a
bhith air leth duilich agus tha am Bòrd
fiù ‘s air gearradh air ais air an taic
a dh’aontaich iad aig toiseach na bliadhna
ionmhais, sa Mhàrt an-uiridh.
Chan eil e an urra rinne suidheachadh
a’ Bhùird a mhìneachadh,
ach tha iad ag ràdh gu bheil e duilich
dhaibhsan, a thaobh riaghailtean, a
bhith a’ dèiligeadh ri companaidh neo
eisimeileach, rud a th’ anns A’
Ghàidheal Ùr an-diugh, an dèidh
dhuinn an dearbh cheum a ghabhail
le taic agus làn-aonta a’ Bhùird.
Tha planaichean aig a’ Bhòrd a thaobh
iris Ghàidhlig fhoillseachadh agus ma
tha duine sam bith airson fiosrachadh
fhaighinn air sin bu chòir
dhaibh fios a chur thuca fhèin.
Tha e tàmailteach gum feumar an
ceum seo a ghabhail oir ’s ioma leasachadh
a bha san amharc nan
ceadaicheadh an taic dhuinn. Ach,
le cùisean cho troimhe-chèile agus gun
fhios dè bha gu bhith fa-near dhuinn
san àm ri teachd — fiù ‘s airson na
bliadhna ionmhais a tha a’
tòiseachadh an ceann trì seachdainean
— cha robh roghainn ann ach
cùl a chur ris airson ar suidheachadh
fhèin a dhìon.
Bu mhath leinn taing a thoirt don
luchd-leughaidh,
do na sgrìobhadairean agus dhan
iomadh neach a thug taic dhuinn
thairis air na bliadhnaichean.
Gàidheal Ur a' dol a-mach a bith le 'dìth-taic' bho BnG
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Gàidheal Ur a' dol a-mach a bith le 'dìth-taic' bho BnG
Last edited by Gràisg on Thu Mar 12, 2009 9:04 am, edited 1 time in total.
Tha deasbad inntinneach a' dol air adhart air AbairThusa mun chuspair seo Seo agaibh an ceangal: http://www.abairthusa.co.uk/forum/topics/gaidheal-ur-a-dol-amach-a-bith agus seo am freagairt a tha Art MacCarmaig dìreach air a chur ris:
Art MacCarmaig air AbairThusa wrote:Hello, a chàirdean, agus tha mi toilichte pàirt a ghbhail san deasbad seo. Mar a bhios fhios aig cuid agaibh, 's dòcha, is mise caithraiche Bòrd na Gàidhlig.
Ceist an toiseach air Stefan: Dè tha thu a' ciallachadh nuair a tha thu ag ràdh gur e muinntir a' Bhùird a bhios a' faighinn buannachad à mygaelic?
Airson fiosrachadh, chaidh trioblaidean adhbharachadh nuair a dhiult An Comunn Gàidhealach An Gàidheal Ùr a chumail a’ dol an uiridh. Ghabh Murray MacLeòid thairis AGU air a cheann fhèin ach chan eil e ceadaichte dhuinne taic-airgid a thoirt do chompanaidh phrìobhaiteach airson cùmhnant sam bith thairis air £10k sa bhliadhna gun a dhol a-mach gu co-fharpais agus tairgsean iarraidh. Nam biodh AGU air fuireach taobh a-staigh structar a’ Chomuinn Gàidhealaich cha bhiodh trioblaid air a bhith ann leis gu bheil e ceadaichte dhuinn tabhartasan a thoirt do bhuidhnean a tha air an riaghladh le bòrd stiùiridh agus aig a bheil bonn-steìdh.
Tha mise cianail fhèin duilich gun do roghainn Murray MacLeòid nach robh e deònach AGU a chumail a' dol fhad 'sa bha Bòrd na Gàidhlig gu bhith a' beachdachadh air rannsachadh a tha ri thighinn fhathast. Dh'fheuch mise rathad air adhart a lorg dhan Ghàidheal Ùr san eadar-ama, agus tha mi duilich nach robh Murray deònach an rathad sin a ghabhail.
Ach tha cuid agaibh ceart. Tha cothrom againn a' coimhead as ùr air seirbheis naidheachd agus 's e sin a tha sinn a' dèanamh an-dràsta. Tha cuid de na beachdan a tha a' nochdadh san fhòram seo gu math inntinneach. Bhiodh e air a bhith na b' fheàrr, nam bheachdsa, nam biodh AGU air cumail a' dol fhad 'sa bha na còmhraidhean sin a' dol air adhart, ach 's e Murray a ràinig co-dhùnadh nach b' urrainn dha cumail a’ dol.
Tha mi an dòchas gu bheil gur cuideachadh agus tha mi an dòchas gum bi seirbheis naidheachd air loidhne, no ann an clò, ann an ùine nach bi ro fhada.
Deagh dhùrachd dhuibh uile.