Page 1 of 1

hallo

Posted: Sun Oct 28, 2007 10:13 pm
by neoni
hallo a charaidean, ciamar a tha sibh uile?

chan eil tòrr agam ri radh, ach direach gun robh mi air an fòrum aosda ach cha do sgriobh mi mòran (ciamar a canadh tu 'lurking'?). lorg mi an fòrum seo direach an-drasta, so tha mi air ais.

beagan fiosrachadh mum dheidhinn; tha mi direach 17, agus thoiseach mi leis a' ghàidhlig an uiridh, a' deanamh classaichean oidhche ann an dùn èideann. mar sin, chan eil a' ghàidhlig agam cho laidir - tha mi duilich.

na laithean seo tha mi a' fuireach anns an eilean sgitheanach, agus tha i a' cordadh rium gu mòr. :)


co-dhiu, tha sin gu leòr 'son seo. 's docha direach gun lurkidh ( :?: ) mi fhathast, ach nuair a chi sibh "Users browsing this forum: neoni" - foadaidh sibh a smaoineachadh ormsa :P

Posted: Sun Oct 28, 2007 10:23 pm
by Gràisg
Tha mi gu math tl neoni :coimp:
Uill chan eil do chuid Ghàidhlig dona idir neoni, sin thu fhèin. Aon rud ge-tà, chanainn seann fhòram an àite fòram aosda.
Dè a'Ghàidhlig air lurking? Deagh cheist nach eil? ' a' cùmail sùil air gu diomhaireachd gun dad a ràdh'? :roll:

Posted: Sun Oct 28, 2007 10:30 pm
by Coinneach Cìr
Tha mise gu math Neoni, tapadh leibh, ciamar a tha sibh fhèin?
Chan eil mise cinnteach dè a Ghàidhlig a bhiodh air "lurking" ach co-dhiù tha mi 'n dòchas gum bidh na tha sin de sgrìobhadh a dol an seo nach bidh feum air an fhacal!!

Posted: Sun Oct 28, 2007 10:32 pm
by neoni
no a' CSAGDGDAR, 'son gòirid :lol:

cleachdainn 'seann fhòram', ach cha robh cuimhne agam ciamar a litregeas tu 'seann' :naire: tha mi an comhnaidh ga chleachdadh, ach chan fhaigh mi practice gu leòr le sgriobhadh, sin an adhbhar a tha mi an-seo.

tàing mhòr airson gam fhreagair, co-dhiu :D

Posted: Sun Oct 28, 2007 11:04 pm
by Gràisg
ok ma tha taing gu Dwelly's

Siolp - slip in and out unperceived lol

a' siolpadh

Posted: Thu Nov 01, 2007 7:34 am
by GunChleoc
'S e facal math gu leòr a th' ann. Anns a' Gearmailtis ùr, canar "lurking".

(Gearmailtis Ùr = Beurla a chleachdadh ann an doigh ceàrr :lol: )

Agus nuair a sgrìobhas thu nas trice, cha bhi thu nad dhìochuimhneachadh ciamar a sgrìobhas thu na faclan, a Neoni :D

Posted: Sat Dec 01, 2007 10:17 am
by Níall Beag
...an tusa Gordon...?

Posted: Fri Dec 07, 2007 12:16 am
by neoni
's mise :)

Posted: Sat Dec 08, 2007 7:09 pm
by Níall Beag
Ciamar a tha an Sabhal Mhór a' cordadh riut? 'S toil leam fhéin an Duthach Basgach, ach cha toil leam m' obair: th' an ceannard direach... uill, chan eil e math, có-dhiubh....

Posted: Sat Dec 08, 2007 9:16 pm
by neoni
tha e a' cordadh rium gu mòr, gu math samhach ach tha sin math. cus beurla fhathast :olc: .

dè cho fad 's a tha thusa gu bhith ann a shin? a bheil obair eile ann a bu toil leat nas mòtha?

Posted: Sun Dec 09, 2007 12:41 pm
by Níall Beag
Chan eil e furasda obair teagaisg a' lorg re a' bhliadhna sgoileareachd. Mar sin, bithidh mi anns an aon aite gus Meadhan-Samhraidh. Chan eil mi cinnteach fhathast ma bhios mi a' tilleadh gu Alba no lorg obair teagaisg eile.

Co-dhiubh, bithidh "culture shock" ort nuair a thill thu dhachaidh airson an Nollaig!

Posted: Sun Dec 09, 2007 3:10 pm
by neoni
Níall Beag wrote:Chan eil e furasda obair teagaisg a' lorg re a' bhliadhna sgoileareachd. Mar sin, bithidh mi anns an aon aite gus Meadhan-Samhraidh. Chan eil mi cinnteach fhathast ma bhios mi a' tilleadh gu Alba no lorg obair teagaisg eile.
tha sin gu math duilich. cha bhiodh stuth mar clasaichean oidhche gu leòr, am biodh?
Co-dhiubh, bithidh "culture shock" ort nuair a thill thu dhachaidh airson an Nollaig!
bithidh, tha fhioss agam. cha do dh'fhalbh mi fiu 's sleite fhathast!