Page 1 of 1

An treas hóro-gheallaidh

Posted: Sat Apr 04, 2009 6:03 pm
by GunChleoc
Tha fios a'm nach bu choir dhomh "third party" eadar-theangachadh mar seo, ach dè th' ann co-dhiù? :chafhios:

Tha briathran eile a dhìth orm cuideachd... ann an clò trom an-siud: http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... .php?t=867

Agus ciamar a chanas mi "newsfeed"? An can mi biadhadh naidheachdan, no bheil seo ro neònach sa Ghàidhlig?

FS: Fhuair mi "third party" anns an fhaclair Watson a-nis - an treas neach

Posted: Sat Apr 04, 2009 7:36 pm
by akerbeltz
chan eil neach ro mhath a-seo, faodaidh third party a bhith 'na bhuidheann, nach, companaidh, cùmhnantaiche... rud sam bith. 'S e treas pàrtaidh a chunna mi gu ruige seo, calque, ach soilleir gu leòr.

Agus tha newsfeed aig Google mar sruth naidheachdan.

Posted: Sat Apr 04, 2009 9:27 pm
by GunChleoc
Tapadh leat! :D