Am Peursa air làrach Courier Inbhir Nis
'Thairis air bliadhnaichean tha na Gàidheil air a bhith a' coiteachadh airson 's gum biodh an cànan aca air a h-àbhaisteachadh mar phàirt de bheatha làitheil na h-Alba, gu seachd àraidh air a' Ghàidhealtachd. Tha e coltach, ge-tà, nach eil daoine mar Alastair Owens, a chuir air adhart am moladh aig coinneamh bhliadhnail meur ionadail an aonaidh, a' gabhail ris an adhartas a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh. Agus, gu dearbh, chan eil e a' coimhead coltach gu bheil iad a' tuigsinn gur e còraichean a' chinne-daonna a th' air cùl ar n-iomairt às leth na Gàidhlig.
Tha tuigse a dhìth air, agus air a leithid, agus feumaidh na h-ùghdarrasan Gàidhlig a bhith mothachail gur e dìth-foghlaim a th' aig bunait ar trioblaidean. Tha mi an dòchas gu bheil iad a' cur ìmpidh air na h-ùghdarrasan foghlaim air a' Ghàidhealtachd, agus ann an Alba air fad, tuilleadh a chur don churraicealam mu dheidhinn eachdraidh nan Gàidheal agus an t-ana-ceartas a chaidh a dhèanamh orra is air an cànan.'
Gheibhear tuilleadh an seo:
http://www.inverness-courier.co.uk/news ... eursa.html