Page 1 of 1

Tòrr cheistean cruaidhe aig Bòrd na Gàidhlig ri fhreagairt

Posted: Sun Apr 12, 2009 9:23 pm
by Gràisg
Seon Caimbeul coir san Albannach

Seo pàirt dheth:

'Bidh aige ri innse dè tha iad an dùil fhaighinn ás an làrach lìn ùr aca, www.mygaelic.net, aig cosgais £200,000, neo ás an £74,800 a thug iad, mas fhìor, do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte air a' Ghaidhealtachd air son soidhnichean agus bileagan fiosrachaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig fhad 's a tha banaltruim a' faighinn rabhadh gun a bhith bruidhinn ach Beurla ri chèile agus ri euslaintich.

Tha na meadhanan do-sheachanta do dh'iomairt chànanach sam bith. Ma tha ro-innleachd sam bith aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh nam meadhanan agus gu h-àraidh na meadhanan ùra, tha làn thìde aca sin a shealltainn dhuinn.'


Gheibhear tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Tha-trr ... 5162983.jp

Posted: Sun Apr 12, 2009 10:52 pm
by Seonaidh
An t-Albannach? Nach e "Am Fear Albannach" a th' ann? Chan eil tarraing mu bhoireannaich san ainm aige.