Page 1 of 1

Ma + future

Posted: Fri Apr 24, 2009 4:07 pm
by Níall Beag
Noticed this in Alasdair's sig:

<i>Innis dhomh ma nì mi mearachdan, mas e ur toil e.</i>

Shouldn't that be the relative future -- ie <i>ma deanas</i> or <i>ma nìtheas</I>?

Re: Ma + future

Posted: Fri Apr 24, 2009 8:03 pm
by eideard
Níall Beag wrote:Noticed this in Alasdair's sig:

<i>Innis dhomh ma nì mi mearachdan, mas e ur toil e.</i>

Shouldn't that be the relative future -- ie <i>ma deanas</i> or <i>ma nìtheas</I>?
No, "ma ni mi" is correct. See examples in both Owen's and MacAlpine's dictionaries.

Posted: Fri Apr 24, 2009 9:52 pm
by AlasdairBochd
Canainn-sa "ma dhèanas mi na mearachdan" air "if I make mistakes". Cha chuala mi "ma nì mi" a-riamh, ach tha e anns am Faclair aig Neil MacAlpine air an duilleag fhosglaidh xxx gu fior.

Posted: Fri Apr 24, 2009 10:11 pm
by AlasdairBochd
Update
Bhon làrach-lìn Taic
"The relative future verb only exists for verbs which form their Future Tense in a regular manner."
Tha "ma nì mi" ceart ma-thà. Chuala mi "ma dhèanas" gu tric, ach tha e coltach gun chuala mi sin às na beòil luchd-ionnsachaidh mar mi-fhìn. :)

Posted: Sat Apr 25, 2009 12:26 am
by faoileag
Eiseimplir eile nas cumanta:

Dè (a) nì mi?

cf

Dè bhios thu a' dèanamh? = Relative Future.

Re: Ma + future

Posted: Sat Apr 25, 2009 1:40 am
by *Alasdair*
Níall Beag wrote:Noticed this in Alasdair's sig:

<i>Innis dhomh ma nì mi mearachdan, mas e ur toil e.</i>

Shouldn't that be the relative future -- ie <i>ma deanas</i> or <i>ma nìtheas</I>?
Chan eil mi ceàrr :priob: Chan eil -(e)as ag obair air "Dèan", tha 'n relative future dìreach

Posted: Sun Apr 26, 2009 3:45 pm
by Seonaidh
Och, tha thu a' fàs cho math Alaidh - gus am faod thu atharrachadh a chanas tu ri:-

Innis dhomh nan dèanainn mearachdan, nam b' e do thoil e...

Posted: Sun Apr 26, 2009 9:23 pm
by GunChleoc
:lol:

Agus an uair sin: An inniseadh tu dhomh nan dèanainn... :P

Posted: Mon Apr 27, 2009 4:12 pm
by neoni
an aon rud le rach - cluinnidh tu "ma rachas tu ann" ach tha e ceàrr.

Posted: Mon Apr 27, 2009 11:41 pm
by Neas Olc
Fiosrachadh gu math cudthromach...

Posted: Tue Apr 28, 2009 12:51 am
by akerbeltz
Tha gnìomhairean mì riaghailteach caran budastach ann an cànan sam bith - ann an sìor ghluasad.

Cluinnidh tu dèanaidh agus dhèanas aig cuid dhe na Gàidheil 's chan ann aig a' luchd-ionnsachaidh a-mhàin. 'S e dhèanas am facal a bha ann an Gàidhlig Arainn cuideachd (faic Dwelly fo "dèan").

Cha chanainnsa gu bheil e cho cumanta (no cho "ceart" an sùilean na mòr-chuid) 's a tha ma nì idir, ach tha e ann 's tha bho chionn greis.

Posted: Tue Apr 28, 2009 8:46 am
by Seonaidh
Oh Acker! I do not know who dos things like that - or ever doed - in the Gaelic! But there always bes a tendency for verbs to be maked regular...

Posted: Tue Apr 28, 2009 5:34 pm
by akerbeltz
I know, that's exactly the point I was making :?