Ceanglaichean.info

Càil sam bith eile / Anything else
ruighean

Ceanglaichean.info

Unread post by ruighean »

Deasaichte: 16/06/2009

Tha mi ag obair air làrach-lìn eile an-dràsta :roll:. Leis an làrach-lìn seo tha mi a' feuchainn ri tasglann chruthachadh dhe na làraichean-lìn a tha ri fhaoitinn anns a' Ghàidhlig. Faodaidh sibh tadhal air http://ceanglaichean.info airson na tha mi air dèanamh gu ruige seo fhaicinn.

Mar a thuirt mi roimhe tha mi air tasglann de na luchd-chleachdaidh a bhios a' cleachdadh na Gàidhlig (Gaeilge agus Gaelg cuideachd) air Twitter a chur suas aig http://ceanglaichean.info/twitter/.

A-nis tha mi airson ceanglaichean chruthachadh airson na blogaichean agaibh. Ma tha sibh airson ur blog a bhith a' nochdadh air an làrach-lìn nach cuir sibh ainm, ceangal agus tuairisgeil goirid thugam.
Last edited by ruighean on Thu Jun 18, 2009 5:20 pm, edited 1 time in total.
ruighean

Unread post by ruighean »

Oh aidh, agus mura h-eil mi gad chur ris an liosta Twitter mar-thà, nach cuir sibh fios thugam: fios@cristean-macmhicheil.co.uk.
Post Reply