Abair thusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheil

Càil sam bith eile / Anything else

An toigh leat Abair Thusa?

Poll ended at Tue Nov 20, 2007 8:24 am

'S toigh leam.
5
100%
Cha toigh leam.
0
No votes
 
Total votes: 5

ruighean

Abair thusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheil

Unread post by ruighean »

I am currently working on creating a Gaelic Social Network called Abair Thusa. At the moment I have over 2000 strings which need to be tr........ into Gaelic but I would be happy for people to come and try the site out.

http://www.abairthusa.co.uk/

Dè ur beachd?
Last edited by ruighean on Fri Sep 12, 2008 10:51 am, edited 2 times in total.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Abair thusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheil

Unread post by Níall Beag »

ruighean wrote:I am currently working on creating a Gaelic Social Network called Abair Thusa. At the moment I have over 2000 strings which need to be tr........ into Gaelic but I would be happy for people to come and try the site out.

http://www.cristean-macmhicheil.co.uk/abair-thusa/

Dè ur beachd?
Math-fhéin -- bi sin feumail dha ririabh.

Tha rud no dhà neonach a' tachairt ris an "text alignment" -- a bheil thu a cleachdadh "fixed fonts", no a bheil seo "bug" Dolphin?
ruighean

Re: Abair thusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheil

Unread post by ruighean »

Níall Beag wrote:Math-fhéin -- bi sin feumail dha ririabh.

Tha rud no dhà neonach a' tachairt ris an "text alignment" -- a bheil thu a cleachdadh "fixed fonts", no a bheil seo "bug" Dolphin?
Tha fios agam mu dheidhinn sin. An-dràsta tha mi ag obair air an eadar-theangachadh a' cleachdadh an Control Panel a tha aig Dolphin. Feumaidh mi obair a dhèanamh air na faidhlichean PHP & CSS air mo server airson an "text-alignment" a chur ceart ach chan urrainn dhomh sin a dhèanamh air an lìon a tha aig SMO.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Math dha-rìreabh, a Ruighinn!

Ghabh mi anns an làrach agad mar-tha. 'S mise a' chiad neach a-rèir coltais.

Co-dhiù, mholainnsa "Gabh ann" airson tiotal mar "Join now". Tha "Aonaich leinn" aig Tìr nam Blog, ach 's fheàrr leam "Gabh ann an" airson "join".

Ma bhios tìde agam, bheir mi sùil air na tiotalan eile, agus beachd a thoirt dhuit. Ach cha chreid mi nach eil thu air do dhòigh ann an sin aig Sabhal Mòr Ostaig, agus tòrr fileantaich mun chuairt a dh' fhaodadh comhairle a thoirt dhuit mu na tiotalan!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
ruighean

Unread post by ruighean »

An Gobaire wrote:Math dha-rìreabh, a Ruighinn!

Tapadh leat. Tha do chunntas beò a-nis. Mòran taing airson do chuidheachadh. Ged tha tòrr fileantaich mum chuairt ach biodh mi gu math taingeil do dhuine sam bith a tha deònach air cuideacheachadh a thoirt dhomh
ruighean

Unread post by ruighean »

A bheil fios aig duine sam bith dè tha na zodiac signs anns a' Ghàidhlig? Feumaidh mi Gàidhlig a chur orra airson Abair Thusa.
eideard
Posts: 111
Joined: Sun Oct 28, 2007 11:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: 44º10'N 77º23'W

Unread post by eideard »

ruighean wrote:A bheil fios aig duine sam bith dè tha na zodiac signs anns a' Ghàidhlig?
Seo iad. Lorg mi iad anns an Litir do Luchd-ionnsachaidh #356 le Ruairidh MacIlleathain. Comharran na Crios-nèimhe: An Rud - Aries; An Tarbh - Taurus; Càraid - Gemini; A' Chrùbag - Cancer; An Leòmhann - Leo; An Òigh - Virgo; Am Meidh - Libra; An Nathair-nimhe - Scorpio; Am Boghadair - Sagittarius; An Gobhar - Capricorn; Fear-giùlain Bùirn - Aquarius; Na h-Iasgan - Pisces.

Sin e, ma tha, taing do Ruairidh. O, agus s'e Càraid a th'annam. :D
ruighean

Unread post by ruighean »

eideard wrote:

Mòran taing.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Chan e ach rud a th' annamsa. Uill, 's e NoClockThing an far-ainm a chleachdas mi anns a' Bheurla :lol:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

'S e An Rùd a bhios ann, cuimhnich. le sràc.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Uill, feumaidh mi air fealla-dhà eile a smaoineachadh an-dràsda :lol:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
ruighean

Unread post by ruighean »

A chàirdean, tha mi airson beagan cuideachaidh fhaighinn a-rithist. :roll: Feumaidh mi Gàidhlig a chur air na leanas:-

Watermark Logo
Thumbnail
Is your friend
Is blocked
Highest Rated
Most favourited
Viewable by...

Mòran taing,
Crìsdean.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

ruighean wrote:A chàirdean, tha mi airson beagan cuideachaidh fhaighinn a-rithist. :roll: Feumaidh mi Gàidhlig a chur air na leanas:-

Watermark Logo
Thumbnail
Is your friend
Is blocked
Highest Rated
Most favourited
Viewable by...

Mòran taing,
Crìsdean.
Any chance of a bit of context? I've got a ning account already but I can't log in to your new site yet....
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Obh obh, tha seo duilich.

Ach:- Is your friend - Na charaid dhuit
Is blocked Air b(h)acadh
Highest Rated - Meas/Luach as àirde
Most favourited - Roghainn/Taghadh as fheàrr

Bhiodh roghainn no taghadh ceart gu leòr, tha mi smaointinn.

A thaobh thumbnail agus watermark logo, chan eil mi cho cinnteach asta.

'S e seorsa "icon" a th' ann an "thumbnail", nach e? Icon bheag? Co-dhiù, ma chuireas sinn tionndadh litireil air, 's e ìngne-ordaig a bhios ann, agus logo comharra-uisge air an rud eile. Chan eil Gàidhlig agamsa air "logo".

An tug thu sùil air an fhaclair beag "Briathrachas Compiutaireachd" fo Faclair air làrach SMO? Tha tòrr ann an-siud.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Dhìochuimhnich mi viewable by.

Dh' fhaodadh tu ràdh : Ri fhaicinn aig~, no A' nochdadh do~
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply