Page 1 of 1

New TV Series - Caileagan an Airm

Posted: Fri May 29, 2009 11:46 am
by an Siarach
Fàs Salach! Fàs Fallain! Fàs Ainmeal!!

Ma tha thusa a’ sireadh spòrs, eacarsaich, airgead agus rud annasach a dhèanamh air do làithean-saora agus a ghlacas aire air do C.V…


THA FEUM AGAINN


ORT’SA!


Tha BBC Alba agus Caledonia TV ag iarraidh boireannaich eadar 17 agus 43 bliadhna a dh’aois airson prògram ùr, Caileagan an Airm.

Thairis air seachd seachdainnean tron t-samhraidh, bidh sibh air ur treanadh leis an Territorial Army.



Thèid sibh ann na ur boireannaich…thig sibh a-mach na ur SAIGHDEARAN!

Ma tha ùidh agaibh, leig fios gu Faye neo Julie aig info@caledonia.tv air an neo cuir fòn gu 0141 564 9100.

Posted: Fri May 29, 2009 8:46 pm
by neoni
dhomhsa tha seo fìor neònach

's e rud fìor eagalach agus gu math cunnartach a bhith a' cumail a-mach gun e rud sporsail a th' ann an cogadh no san airm


agus:
ORT'SA
:mc:

Posted: Sat May 30, 2009 11:00 pm
by Seonaidh
"Fàilte gu Tir an Airm" (Runrig)