Page 1 of 1
Seann Leabhar
Posted: Sun May 31, 2009 11:03 am
by AlasdairBochd
Ma bhios ùidh aig duine ann an eachdraidh na cànain, seo ceangal air "Analysis of the Galic Language" a chaidh a foillseachadh ann an 1778. Tha iongantas orm air cho beag na h-atharrachaidhean bhon uair sin. Bha oidhirp tràth ann airson litreachadh riaghailteach. Dèan coimeas eadar an leabhar seo agus GOC.
http://www.archive.org/details/analysis ... 00shawiala
Posted: Sat Jun 06, 2009 10:30 pm
by GunChleoc
Tapadh leat!
Is bochd gun robh trioblaid aca an tionndadh teacsa a dhèanamh ann an dòigh ceart, ach tha PDF ann cuideachd.
Posted: Sat Jun 06, 2009 11:56 pm
by neoni
dè tha thu a' ciallachadh le tionndadh teacsa? an OCR? na dh'fheuch thu riamh ris an leithid a dhèanamh? bhiodh e na bu luaithe an leabhar slàn a sgrìobhadh a-mach a-rithist.
Posted: Sun Jun 07, 2009 9:51 am
by GunChleoc
Seadh, cha ghabh e a dhèanamh ann an dòigh furasda le leabhar mar seo.
Posted: Sun Jun 07, 2009 11:51 am
by neoni
tha cuimhn agam cho doirbh 's a bha e bho nuair a rinn mi mac-talla
Posted: Sun Jun 07, 2009 10:29 pm
by AlasdairBochd
Tha dà dhòigh ann airson teacsa a taghadh.
1. 'S urrainn dhomh taghadh nuair a cleachdas mi Adobe Acrobat Professional. 'S docha gum bi Adobe Reader ag obrachadh cuideachd. Chan eil fhios agam. Cha d'obraich Foxit Reader.
2. Luchdaich-nuas am faidhle ".txt". Gu fior, tha cód html ann am broinn. Cuir "html" an àite "txt" air an deireadh am faidhle. Fosgail am faidhle leis am
browser agad agus tagh an teacsa.
Tha facal no dhà a dhith anns a faidhle.
Bidhibh faiceallach. Tha an leabhar sin cho sean tha iad a cleachdadh "medial
s"agus "terminal
s". Tha "medial
s" a coimhead mar f anns a teacsa.
Ma bhios duine fior deònach, an cód html airson "medial
s" = ſ
f.s. Airson OCR, cleachdaidh mi TopOCR. Tha e an asgaidh

agus gu math fior. Gu mi fhortanach, chan eil sracan ri fhaotainn.