Bha APC a-mach air cho doirbh a tha cùisean ach seo beachd eile a tha ri fhaighinn:
'Tha iarrtas air èirigh gum bu chòir sàr-ionad nàiseanta airson chuspairean àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh.
Sin beachd Mhurchaidh Pheutain, a chuir seachad bliadhnaichean a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh fhèin. ...
....
"Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith air leth soirbheachail anns na bun-sgoiltean tharais air na bliadhnaichean a dh’fhalbh, ach tha gainnead thidsearan anns cha-mhòr a h-uile cuspair a’ cur bacaidh air an aon sheòrsa leasachaidh sin anns na h-àrd-sgoiltean. '
Gheibhear tuilleadh air làrach BBC Alba
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... l_dl.shtml