Page 1 of 26

Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed Jun 17, 2009 10:04 pm
by akerbeltz
Ok, seo dhuibh geama ùr... cuiridh mi (agus tha fàilte air feadhainn eile cuideachd) suas dealbh de shoidhne air a bheil mearachd no rudeigin neònach bho àm gu àm agus an uairsin, bidh cothrom againn beagan deasbaid a dhèanamh air puingean gràmair.

Seo dhuibh a chiad dhiubh:
Image

Posted: Wed Jun 17, 2009 10:21 pm
by Gràisg
Defense de se pencher dedans 8-)

Posted: Wed Jun 17, 2009 10:51 pm
by faoileag
Na rachaibh! :spors:

(Obh, carson nach rach? :( )

Posted: Thu Jun 18, 2009 4:15 am
by AlasdairBochd
no, ma bhios tu nad bhalach ach tri bhliadhna deug a dh'aois, "Nach tèid mi thairis air an fheansa."

Posted: Thu Jun 18, 2009 6:30 am
by GunChleoc
Cha tug mi dealbh, ach chunnaic mi "Sràid A' Mhàiri" anns a' Ghearsdan. Chan eil e ceart, a bheil?

Posted: Thu Jun 18, 2009 2:01 pm
by Níall Beag
There should be a dot after VDS.

Posted: Thu Jun 18, 2009 3:45 pm
by Tearlach61
Sa chiad dol a-mach, tha na faclan Gàidhlig ro bheag.

Tha feansa boireann, saoilidh gur e 'thairis air na feansa' as fheàrr.

Ach, mura robh iad ag obair bhon Bheurla, dè a theireadh iad?

A' chiad cheist a th' agam, 's e creag. Chan eil dad ceàrr leis ach saoilidh mi gur e 'creagan' a chanadh iad. Dè mu dheidhinn 'slèibhtean creagach' neo 'creagan cunnartach' neo 'creagan casa.'

Agus, 'na teid thairis air an fheansa' 's ann bho Bheurla a tha seo gu dìreach. Tha fhios nach eil 'na teid' ceart, gur e 'rach' an dreach imperative ach tha gnàth-cainnt ann a bhiodh freagarrach saoilidh mi: cha tèid do chas.

Seo a theirinn:

Creagan Cunnartach
Feansa tèarainnteachd. Cha teid do chas thall ann an sin.

Posted: Thu Jun 18, 2009 5:55 pm
by akerbeltz
Aidh, bhiodh eadar-theangachadh "saor" na b' fhearr fhathast. Ach air a' char as lugha, bu chòir na rach(aibh) no na theirig(ibh) a bhith ann.

Chan eil feum *air thairis air na feansa, chan e roimhear le ginideach a th' ann an thairis.

Chunna mi "Sràid A Mhàiri" cuideachd sa Ghearastan...

Tha barrachd dealbhan agam, na gabhaidh dragh 8-)

Posted: Fri Jun 19, 2009 6:06 am
by Tearlach61
Uill, shaoil mi beagan a bharrachd air an t-soighne fad an latha agus thuirt mi rium fhìn, dè mur a robh na cànain eile ann, nan robh àite a bharrachd ann dhan Ghàidhlig agus mura robh mi a' toirt cus for do a bhith modhail, dè a theirinn? Uill, dè mu dheidhinn:

Hey, Amadain. Tha creagan cas mhairbhteach ud thall agus 's ann airson do mhaith fhèin a tha an fheansa-thèarainteachd sin ann. Ma thèid thu aon cheum thar na feansa sin, ma dh' fhaoidte gheibhear do gortachadh gu dubh neo fiù 's do mharbhadh. Agus bithinn ceart cho coma.

Posted: Fri Jun 19, 2009 11:22 am
by akerbeltz
LOL drùidhteach ach caran ro risqué 's dòcha

Posted: Sat Jun 20, 2009 10:49 pm
by Seonaidh
Dè tha a' Bheurla a' ciallachadh? An e seòladh do Cliff cunnartach a th' ann? An urrainn do neach feansa a shìolachadh le rud sam bith?

"A Chliff chunnartaich, na sìolaich an fheansa!"

Posted: Sun Jun 21, 2009 12:42 pm
by akerbeltz
LOL chan e, chan e, 's e creag a th' ann, gu math follaiseach ma bhios tu air beulaibh na soidhne.

Posted: Sun Jun 21, 2009 8:58 pm
by akerbeltz
Ok, seo an ath fhear, aon dhen fheadhainn as fhearr leam thar gach dealbh eile... agus 20 puing dhan neach a thomhas càit a bheil e agus 50 puing ma thomhasas sibh dè cho fad 's a tha e air a bhith ann...

Image

9 mearachdan air a' char as lugha (gun iomradh air na stràcan)

Posted: Sun Jun 21, 2009 9:54 pm
by Seonaidh
O thì tha mearachdan gu leòr. Agus a-rithist, dè tha a' Bheurla a' ciallachadh? 'S dòcha gu bheil loidhne à "Wimowe" ann (In the jungle, the mighty jungle, the lion sleeps tonight). Agus an robh na Frisealaich a' dèanamh sabaid anns na Chiltern Hundreds?

Dè "bas na beatha"? Tha e a' coimhead dhomhsa mar "the death of the life" ach chan eil mi a' tuigsinn sin.

Càit' a bheile? Dè cho fada? An ann ann an Abertawe a tha e, mar sanas mu dheidhinn làraidhean gu dol ann an sgìre taighean?

Posted: Mon Jun 22, 2009 12:59 am
by akerbeltz
Chan ann, 's e sanas cuimhne a th' ann ann an gàrraidh cuimhne beag agus 's ann air a' Ghàidhealtachd a tha e ach chan fhaigh sibh leth-fhacal eile :P

Nam b' e the death of life a bha fa-near dhaibh, bu chòir bàs a' bheatha a bhith ann. Saoilidh mi gur e "death or life" a bha fa-near dhaibh. Air neo, death in her life... cò aig a tha fios leis an sgrìobhadh ùr...?