Chan fhaic mi mearachd - 's ann sa Bheurla a tha an soidhne, nach ann? Nam b' ann sa Ghàidhlig a bhiodh e, chan fhaigheadh sibh "500 yds", ach 's dòcha "500 slat".
Chanainnsa gur e an trioblaid gu bheil an soidhne ag ràdh "Inverness (Museum & Art Gallery)" sa Bheurla ach "(Inverness Museum) & (Art Gallery)" sa Ghàdhlig. Bu chòir dha a bhith "Taigh-tasgaidh & Gailearaidh Ealain Inbhir Nis" (no "Taigh-tasgaidh & Gailearaidh-ealain Inbhir Nis").
Tha Thrissel ceart Bidh diofar beachdan a thaobh gailearaidh(-)ealain ach tha an t-ainm Inbhir Nis car cugallach far a bheil e, tha e cur 'nar sùilean gur e Taigh-tasgaidh Inbhir Nis a th' ann ach gu bheil an gailearaidh a' buntainn a dh'àite eile. Tha a' mhearachd seo gu math cumanta ann an eadar-theangachadh oir chan eil e soilleir uaireannan cò ris a tha modifier mar sin a' buntainn.