Page 1 of 1

"Cion-ùidhe" sa Ghàidhlig ann an Glaschu

Posted: Sat Jun 20, 2009 7:26 am
by Gràisg
'Tha dragh ann mu chion-ùidhe sa Ghàidhlig ann an Glaschu, agus dìreach mu 20 duine air nochdadh aig coinneimh oidhche Ardaoin, airson iomairt chànain a chur air bhonn sa bhaile.
Tha Comunn na Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig air seachd sgìrean a thaghadh, agus Glaschu nam measg, far an tèid iomairtean a chur air chois airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh.

A rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh tha còrr is 10,000 duine le Gàidhlig a' fuireach ann an Glaschu.

"Chaidh Glaschu a thaghadh dìreach airson 's gun toir sinn air adhart a' Ghàidhlig anns a' choimhearsnachd againn," thuirt Sìne NicIllEathainn, bho Chomunn na Gàidhlig.'

Tuilleadh an seo:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... sgow.shtml

Carson nach robha daoine a' nochdadh aig a' choinneamh ud? A bheil beachd agaibh? Dìreach mar a tha cùisean air a' Ghàidhealtachd saoil am bi feadhainn amharasach air na buidhnean leasachaidh agus air sgath 's sin nach bi iad a' gabhail gnothaich riutha?
Ach faodaidh tu mòran a chur an gnìomh le 20 dhaoine ann an àite sam bi!

Posted: Sat Jun 20, 2009 10:26 pm
by akerbeltz
Bha mise trang, toiseach làithean-saora an t-samhraidh airson mhòran, ceumnachadh nan oileanach, muinntir Ghàidhlig na Colaiste ann an Leòdhas agus an duilgheadas àbhaisteach - sgaoileadh fiosrachaidh?