APC WHFP, 19.6.09
Posted: Sat Jun 20, 2009 7:31 am
'S bochd nach eil na sgrìobh e ga fhaicinn slàn air an eadar-lìon ach seo pìos dheth. Gu dearbh tha APC air tighinn beò a-rithist!
'Tha mi faicinn gu bheil an sàr-
Ghàidheal sin ris an can iad Sir Tom
Farmer a-nis a' faighinn urram is
aithne bho Shabhal Mòr Ostaig, agus e
fhèin agus an t-Òsdair Dòmhnall
Dòmhnallach, air an ainmeachadh mar
Visiting Honorary Fellows of
Entrepreneurship, ge brith dè tha sin a'
ciallachadh.'
....
'Saoilidh mise co-dhiù gur e am
prionnsabal a tha air cùlaibh an rud a tha
seo a tha cudromach, agus gu mi-fhortanach
seo am prionnsabal: gu bheil Saoghal beag
na Gàidhlig daonnan fada ro bhuailteach
coimhead chun an taobh a-muigh airson am
fèin-aithne agus airson dearbhadh. Tha e
mar nach urrainn sìon a bhith math gus an
can Gall air choireigin gu bheil e math; tha
e mar nach eil sìon math gu leòr gus an can
cuideigin aig nach eil a' Ghàidhlig gu bheil
e math ga-rìreabh.'