Bha mi mu dhà mhìos a' coimhead air an làrach seo, agus chuir mi romham gun abair mi rudeigin an-dràsta 's a-rithist cuideachd.
Tha mi air dà leabhar TYG a leughadh; tha mi air èisdeachd ris na "litrichean" BhBC le Ruairidh MacIllEathain mu leth-bhliadhna; ach cha do bhruidhinn mi ri duine sam bi riamh (ach a-mhàin mi fhìn).
Tha mi dà fhichead bliadhna a dh'aois, fileanta sa Bheurla - agus duine searbhasach: chan fheum sibh a bhith ro mhodhail am ionnsaigh - cuiribh ceart a h-uile mearachd a nì mi gu neo-thruacanta, 's e sin a tha dhìth orm
