Page 1 of 1

Halò, tha mi ùr

Posted: Thu Jun 25, 2009 2:42 pm
by Iain Buthchanain
Halò, 's mise Iain. Tha mi a Glaschu agus 's e oileanach a th'annam aig City Lit ann an Lunnain. Chan eil ach facal no dhà Gàidhlig agam, ach bu toil leam beagan bruidhinn.

Posted: Thu Jun 25, 2009 5:07 pm
by GunChleoc
Fàilte chridheil ort is tha mi an dòchas gum bi am fòram feumail dhut! :D

Posted: Thu Jun 25, 2009 9:03 pm
by Gràisg
Feasgar math Iain agus Fàilte chridheil ort

Posted: Thu Jun 25, 2009 10:10 pm
by horogheallaidh
Haidh iain

Failte mor ort!! :)

Posted: Thu Jun 25, 2009 10:44 pm
by Iain Buthchanain
Tapadh leibh a h-uile duine airson ur freagairtean. 'S toil leam ceòl, fiolm, leabhraichean agus sgrìobhadh. A bheil àitean anns an fòram far 's urrainn dhomh bruidhinn mu iad sin?

Posted: Fri Jun 26, 2009 6:41 am
by GunChleoc
Tha trì roghainnean agad:

Dà-chànanach airson sgrìobhadh a h-uile rud sa Ghàidhlig agus sa Bheurla

Gun Chuspair airson sgrìobhadh ann an cànan sam bith

Ceòl, Bàrdachd amsaa. airson sgrìobhadh sa Ghàidhlig a-mhàin

Posted: Fri Jun 26, 2009 6:23 pm
by *Alasdair*
Halò Iain - Fàilte ort!
Tha Gàidhlig math agad :)

Posted: Sat Jun 27, 2009 7:53 am
by GunChleoc
Gàidhlig mhath - tha Gàidhlig boireanta ;)

Posted: Sat Jun 27, 2009 10:53 am
by *Alasdair*
GunChleoc wrote:Gàidhlig mhath - tha Gàidhlig boireanta ;)
Tha fhios 'am air suid :priob: Chan eil mi a' cleachdadh mo chuid Ghaidhlig tric gu leor...

Posted: Sat Jun 27, 2009 9:21 pm
by GunChleoc
Uill, nì mi fhìn an aon mhearachd tric gu leòr :lol: