Page 1 of 1

Cuairt-chàir tro Chanada

Posted: Sun Jun 28, 2009 3:16 pm
by Tearlach61
Image

Tha sinn a' deanamh cuairt-chàir tro na roinnean Canaideanach mar a leannas: Yukon (ged chan e roinn ceart a th' inntese), Alberta agus British Columbia. Thòisich sinn ann an Juneau 's ghabh sinn aiseag gu tuath a Skagway agus dhràibh sinn suas a dh' Alberta a' leanntain rathad mòr Alasca. Tha mi a' deanamh aithris an ìre mhath gu làitheal air a' bhlog agam le dealbh neo dhà a riochdaicheas an latha-sa.

http://gaidheal.blogspot.com/

Gu ruige seo, dh'aithris mi gu ruige an ceathram latha 's th' agam ri an còigeamh latha a dheanamh, a' dràibheadh thar na prairies. Tha sinn corra laithean ann an Calgary 's chan eil rùn agam dad a ràdh mu dheidhinn sin ach a-màireach thèid sinn gu na beanntain creagach 's nì mi aithris mar a tha ceagnal dhan eadar-lìonn agam. Mar sin, ma tha ùidh sam agaibh ann an sin, mholainn-sa ur sùilean a chumail air a bhlog agam oir bho àm gu àm bith aithris ùr ann.

Posted: Sun Jun 28, 2009 11:42 pm
by faoileag
Taing mhòr - tha na h-aithrisean agad an-còmhnaidh inntinneach gu dearbh, mar na dealbhan agad. Tha mi a' dèanamh fiughair ris! :D

Posted: Mon Jun 29, 2009 2:11 am
by Neas Olc
Glè innteannach. Tha mi air a bhith sa phairt seo de Chanada bho chion bhliadhnaichean agus tha mi ag aithneachadh feudhainn den àiteichean far a bheil thu an-drasd'. Dh'fhuiraich mi ann an Ceann Mòr (hehe) ach aig an turas sin cha robh fhois am gun robh an t'ainm bhon Ghàidhlig.

Posted: Wed Jul 01, 2009 7:30 am
by GunChleoc
Cha robh mi ann an Canada riamh. Bidh mi a' leantainn na sgeulachdan agad gun teagamh!

Posted: Fri Jul 03, 2009 2:20 am
by Neas Olc
Uill mar eil thu air a bhith an seo, tha mi a moladh Ontario an àite BC (tha beagan claonadh agam cò dhiugh). :D Tuilleadh Gàidhlig.