Naidheachdan   –   News

Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha an deasaiche video Shotcut ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
shotcut-screenshot1.png
'S e deasaiche video airson Windows, Mac agus Linux a th' ann an Shotcut a tha saor is open source. Is na gleusan as cudromaiche aige gun cuir e taic ri roghainn fharsaing dhe dh'fhòrmatan; nach eil feum air ion-phortadh ach an deasaich thu an loidhne-ama leis an fhaidhle tùsail sa bhad; taic ri Blackmagic Design gus sùil a chumail air an ion-chur 's an ro-shealladh; agus taic ri dùmhlachd-bhreacaidh suas ri 4k.

Gheibh thu e an-asgaidh air shotcut.org.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Stellarium ⁊ briathrachas reul-èolais


Tùs: Fòram na Gàidhlig
stellarium-screenshot1.png stellarium-screenshot2.png stellarium-screenshot3.png
On a tha sinn dìreach air grian-stad an t-samhraidh a chomharrachadh (no àm na Nollaige mas e Crìostaidh a th' annad), thàinig an t-àm gus pròiseact a bhrosnachadh a thòisich mi ag obair air o chionn cha mhòr ceithir bliadhna. 'S e seo ach Stellarium, bathar-bog amharc-lann phlanaidean a sheallas na chì thu nuair a choimheadas tu air na reultan. Tha e furasta cleachdadh, open source agus saor 's an-asgaidh.
Seallaidh Stellarium na speuran ann an dòigh fhìor-riochdail 3D mar a chìtheadh tu le do shùil lom no le prosbaig iad. 'S urrainn dhut a chleachdadh air a' choimpiutair agad fhèin no ann an amharc-lann phlanaidean agus gabhaidh fiù prosbaig a stiùireadh leis. Seo cuid dhe na gleusan a bheir Stellarium dhut:
  • Corr is 210 millean reul
  • Buidhnean reultan is sgead-dhealbhan nan reul-bhadan airson 20+ dualchas eadar-dhealaichte
  • Slighe Chlann Uisnich fhìor-riochdail
  • Dubhraidhean, èirigh is laighe na grèine
  • Na planaidean is na saidealan aca
  • Rionnagan-earbaill
  • Dealbhan de dhearganan-doireann (catalog Messier slàn)
  • Mòr-nòbhathan
  • Gabhaidh gnàthachadh

Ged a tha an eadar-aghaidh gu lèir ri a faighinn sa Ghàidhlig a-nis, tha obair ri a dèanamh fhathast gus eadar-theangachadh nan ainmean reultan a thoirt gu buil (tha corr is 2500 dhiubh ann is an t-eadar-theangachadh mu letheach slighe aig an àm seo) ach tha mi 'n dùil gu bheil an fheadhainn Shiarach coileanta a-nis.

Gheibh thu Stellarium o stellarium.org e.

Briathrachas reul-eòlais

Gus Stellarium eadar-theangachadh, rinn mi rannsachadh air briathrachas reul-eòlais, a' cleachdadh nan tùsan a tha air Duilleag "Na speuran" an t-Sàbhail Mhòir. Chuir mi toraidhean an rannsachaidh agam air loidhne mar fhaidhle csv (còdachadh: Siarach, Windows). Gabhaidh am faidhle fhosgladh le LibreOffice Calc no Microsoft Excel, mar eisimpleir.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Ceitidh, an guth Gàidhlig TTS ri fhaighinn mar demo


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
cereproc-logo.png
Tha guth Cheitidh - seo teacsa 'na chainnt ann an Gàidhlig - ri fhaighinn air làrach-lìn Cereproc mar demo a-nis. Leughaidh Ceitidh teacsa sam bith a tha sa Ghàidhlig dhut!

Ceitidh's voice - that's text to speech on Gaelic - is available on the Cereproc website as a demo now. Ceitidh will read any Gaelic text to you!


Gus èisteachd ris a' ghuth, tagh "Ceitidh (Gaelic, Scotland)" - feumaidh tu sgroladh sìos air an duilleag 's an earrann Gaelic a lorg - sgrìobh no cuir ann an teacsa agad an uairsin agus brùth air a' phutan cluiche.

In order to listen to the voice, select "Ceitidh (Gaelic, Scotland)" - you will have to scroll down the page to the Gaelic section - then type or paste your sentence and press play.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgaidh


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
enigmail_logo.png
Am biodh tu deònach na litrichean digiteach agad a chur mar chairtean-puist? Chan eil sinn an dùil gum biodh.

Nuair a chuireas tu post-d gun chrioptachadh, tha e mar a chuireadh tu cairt-phuist – 's urrainn do dhuine agus siostam sam bith a làimhsicheas na puist-d agad an t-susbaint a tha nam broinn a leughadh. Ma chrioptaicheas tu am post-d agad, cuiridh tu an teachdaireachd ann an ceiseag nach urrainn ach dhan fhaightear aice fhosgladh.
enigmail-screenshot1.png
Tha fuasgladh ann air a shon co-dhiù. 'S e tuilleadan tèarainteachd a gheibh thu am broinn Mozilla Thunderbird no Seamonkey a th' ann an Enigmail agus chaidh eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig a-nis cuideachd. Leigidh e leat OpenPGP a chleachdadh gus na puist-d a chrioptachadh 's a shoidhneadh gu digiteach agus na teachdaireachdan a gheibh thu a dhearbhadh.
Gheibh thu stiùireadh air mar a stàlaicheas tu e air a' bhòrd-bhràth agus dh'ullaich sinn video dhuibh cuideachd.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05