Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Geama ùr: Pingus


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
Pingus
Pingus
 
Sa gheama thoimhseachain seo, feumaidh tu cinn-fhionn a stiùireadh dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad. Cuiridh tu comasan a leithid leum no togail dhrochaidean dhaibh ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Tha an geama seo coltach ri Lemmings ach tha e an asgaidh.

Cha do chuir iad a' Ghàidhlig ris na pasganan oifigeil fhathast, ach gheibh thu mìneachadh air ciamar a stàlaicheas tu e an seo.

Geama ùr - Bullshit Bingo


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
'Eil thu air do shàrachadh le coinneamhan no òraidean làn buzzwords? Seo beagan dibhearsan dhut!

Bullshit Bingo sa Ghàidhlig

Scrabble 3D ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: Akerbeltz
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
Tha geama ùr eile ann, Scrabble sa Ghàidhlig. Cluichibh an aghaidh a' choimpiutair no an aghaidh dhaoine eile. Taing do dh'Akerbeltz a-rithist, agus don sgioba Scrabble3D!

Treòir stàlaidh


There's another new game available, Gaelic Scrabble. Play against the computer or against other players. Thanks again to Akerbeltz, and to the Scrabble 3D team!

Instalation guide

Geamannan sa Ghàidhlig - Freeciv agus Tetris


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz is GunChleoc
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
Tha dà gheama ann a tha ri ùr fhaighinn sa Ghaidhlig agus an asgaidh cuideachd! Rinn akerbeltz sàr-obair air eadar-theangachadh Freeciv agus ghabh mi fhìn beagan tlachd le Tetris. Feumaidh tu Freeciv a stàladh air a' choimpiutair agad agus 's e geama air loidhne a th' anns an Tetris.

Gheibh sibh mìneachaidhean agus ceanglaichean gus Freeciv a stàladh an seo.

Is urrainn dhuibh Tetris a chluich an seo.

Ceanglaichean Ùra - New Links


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
Chuir mi ceanglaichean ùra ris an làrach - chruthaich mi roinn Gheamannan.

I added new links to the site - I created a Games section.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 16mh dhen t-Samhainn 2019 09:27:00