Naidheachdan   -   News

Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha prògram clàraidh video ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
obs-studio-screenshot.png
'S e bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte airson clàradh video agus sruthadh beò a th' ann an OBS Studio.

  • 'S urrainn dhut iomadh struth video is fuaime a chur ri chèile. Glac uinneag, camara-lìn 's a bharrachd...
  • Tha measgachadh fuaime cho furasta 's a ghabhas.
  • Tha tòrr plugain agus roghainnean aig a' phrògram.
Ma chunnaic sibh gin dhe na videothan a rinn mi air YouTube no PeerTube, 's ann le OBS Studio a chlàraich mi iad.

Tha OBS Studio ri fhaighinn air Windows, Mac agus Linux.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

MuseScore - Prògram ceòl-sgrìobhaidh


Tùs: Fòram na Gaidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
musescore-screenshot1.png
'S e prògram ceòl-sgrìobhaidh a th' ann am MuseScore a tha saor is open source. Gabhaidh sgòran air ìre proifeiseanta a chruthachadh leis gun duilgheadas. Gabhaidh meur-chlàr MIDI a chleachdadh leis agus na sgòran ion-phortadh is às-phortadh slighe MusicXML, MIDI is a bharrachd. Tha e an-asgaidh is gun chuingeachadh.

Gheibh sibh e air musescore.org

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha an deasaiche video Shotcut ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
shotcut-screenshot1.png
'S e deasaiche video airson Windows, Mac agus Linux a th' ann an Shotcut a tha saor is open source. Is na gleusan as cudromaiche aige gun cuir e taic ri roghainn fharsaing dhe dh'fhòrmatan; nach eil feum air ion-phortadh ach an deasaich thu an loidhne-ama leis an fhaidhle tùsail sa bhad; taic ri Blackmagic Design gus sùil a chumail air an ion-chur 's an ro-shealladh; agus taic ri dùmhlachd-bhreacaidh suas ri 4k.

Gheibh thu e an-asgaidh air shotcut.org.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Stellarium ⁊ briathrachas reul-èolais


Tùs: Fòram na Gàidhlig
stellarium-screenshot1.png stellarium-screenshot2.png stellarium-screenshot3.png
On a tha sinn dìreach air grian-stad an t-samhraidh a chomharrachadh (no àm na Nollaige mas e Crìostaidh a th' annad), thàinig an t-àm gus pròiseact a bhrosnachadh a thòisich mi ag obair air o chionn cha mhòr ceithir bliadhna. 'S e seo ach Stellarium, bathar-bog amharc-lann phlanaidean a sheallas na chì thu nuair a choimheadas tu air na reultan. Tha e furasta cleachdadh, open source agus saor 's an-asgaidh.
Seallaidh Stellarium na speuran ann an dòigh fhìor-riochdail 3D mar a chìtheadh tu le do shùil lom no le prosbaig iad. 'S urrainn dhut a chleachdadh air a' choimpiutair agad fhèin no ann an amharc-lann phlanaidean agus gabhaidh fiù prosbaig a stiùireadh leis. Seo cuid dhe na gleusan a bheir Stellarium dhut:
  • Corr is 210 millean reul
  • Buidhnean reultan is sgead-dhealbhan nan reul-bhadan airson 20+ dualchas eadar-dhealaichte
  • Slighe Chlann Uisnich fhìor-riochdail
  • Dubhraidhean, èirigh is laighe na grèine
  • Na planaidean is na saidealan aca
  • Rionnagan-earbaill
  • Dealbhan de dhearganan-doireann (catalog Messier slàn)
  • Mòr-nòbhathan
  • Gabhaidh gnàthachadh

Ged a tha an eadar-aghaidh gu lèir ri a faighinn sa Ghàidhlig a-nis, tha obair ri a dèanamh fhathast gus eadar-theangachadh nan ainmean reultan a thoirt gu buil (tha corr is 2500 dhiubh ann is an t-eadar-theangachadh mu letheach slighe aig an àm seo) ach tha mi 'n dùil gu bheil an fheadhainn Shiarach coileanta a-nis.

Gheibh thu Stellarium o stellarium.org e.

Briathrachas reul-eòlais

Gus Stellarium eadar-theangachadh, rinn mi rannsachadh air briathrachas reul-eòlais, a' cleachdadh nan tùsan a tha air Duilleag "Na speuran" an t-Sàbhail Mhòir. Chuir mi toraidhean an rannsachaidh agam air loidhne mar fhaidhle csv (còdachadh: Siarach, Windows). Gabhaidh am faidhle fhosgladh le LibreOffice Calc no Microsoft Excel, mar eisimpleir.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 7mh dhen t-Sultain 2021 17:13:50