Naidheachdan   –   News

A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama ùr: Flare


Tùs: FLARE: Free/Libre Action Roleplaying Engine
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
flare-screenshot1.jpg flare-screenshot2.jpg flare-screenshot3.jpg
Tha mi air geama eile eadar-theangachadh air ur son is seo an t-inneal Flare (Free/Libre Action Roleplaying Engine). Thathar ag ràdh tu bheil an geama coltach ri Diablo is ma chòrd seo ruibh, còrdaidh Flare dhuibh cuideachd.
Chan e ach tionndadh alpha a th' ann gu ruige seo, mar sin tha rud no dhà sa Bheurla fhathast. Thèid seo a chàradh san àm ri teachd co-dhiù. Cuideachd, tha sinn an dùil gun tèid barrachd susbainte a dhèanamh airson a' gheama. 'S urrainn dhuibh cus ùine a chaitheamh leis mar a thà co-dhiù!



Gheibh sibh an geama fhèin air an làrach-lìn air Flare agus barrachd fiosrachaidh mun stàladh air a' bhòrd-bhrath againn.