Seo naidheachd dhan luchd-prògramachaidh - tha akerbeltz 's mì fhìn air Gàidhlig a chur air
CLDR - Unicode Common Locale Data Repository. Ged a bha beagan dheth ann roimhe a phàigh Microsoft dhuinn, tha an dàta cha mhòr coileanta a-nis o thionndadh 26 a-mach. A thoradh air seo, tha a' Ghàidhlig am measg nan cànanan oifigeil a gheibhear an cois
ICU - International Components for Unicode cuideachd. Seo leabharlann prògramachaidh a bheir sgeamaichean ionadail dhan luchd-prògramachaidh. Gabhaidh seo a-steach rudan a leithid mhìosachan cearta, ainmean dhùthchannan agus chànanan, fòrmat na h-ama agus iomadh rud eile.