Naidheachdan   –   News

A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama ùr: Megaglest


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
megaglestlogo.png
Chaidh geama ùr sa Ghàidhlig fhoillseachadh an-diugh. 'S e geama ro-innleachd fìor-ùine (Real Time Strategy Game) a th' ann am Megaglest. 'S urrainn dhut cnàmh-sgeulan no mapaichean air thuaiream a chluiche, agus tha modh ioma-chluicheadair aige.

Megaglest - glacadh-sgrìn
Megaglest - glacadh-sgrìn
 
Gheibh sibh an geama an asgaidh air http://megaglest.org/download.html.

Gu mì-fhortanach, chan eil a h-uile rud sa Ghàidhlig fhathast, m.e. tha ainmean nan aonadan sa Bheurla fhathast. Tha mi 'n dòchas gun gabh seo càradh leis an ath thionndadh.
Megaglest - glacadh-sgrìn
Megaglest - glacadh-sgrìn