Chaidh tionndadh ùr den gheama ro-innleachd fantastachd
Strì Bheasnaid - The Battle for Wesnoth fhoillseachadh on a chàraich iad mearachd no dhà. A thaobh na Gàidhlig, tha sinn air am prìomh fhaidhle taice eadar-theangachadh gu tur a-nis ged a tha mìneachaidhean air mòran aonadan a dhìth fhathast. Mar as àbhaist, gheibh sibh an geama air
www.wesnoth.org agus tha liosta air na dh'atharraich ri fhaighinn
air a' bhòrd-bhrath aca.