A' sealltainn naidheachd a-mhàin

Bathar-bog ùr


Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Taing do dh'Akerbeltz, tha barrachd bathar-bog ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-rithist.
VLC - VideoLAN - Cluicheadair mheadhanan le còd fosgailte - tha e an asgaidh agus cluichidh e cha mhòr rud sam bith fon ghrèin, an dà chuid bhideo is fuaim. 'S urrainn dhut a chleachdadh gus Radio nan Gàidheal a chlàradh air coimpiutair cuideachd.

Outlook.com - Seirbheis puis-d aig Microsoft ("Hotmail" roimhe).

FreeFileSync - Goireas gus lethbhreacan-glèidhidh, neo backups, a dhèanamh dhe na faidhlichean agaibh.