A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Tha an geama Neverball 's Neverputt ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis
5mh dhen Ògmhios 2014 13:11:08
Tùs:
Neverball.org
'S e geama teòmachd 's tòimhseachain 3-D a tha san Neverball. Is amas a' gheama gun ruig thu tadhal le bàla mus fhalbh an ùine ort. Air an t-slighe, feumaidh tu roiligeadh thairis air buinn gus an cruinneachadh. Chan fhosgail an tadhal ach nuair a bhios tu air buinn gu leòr a chruinneachadh agus faodaidh cnapan-starra a bhith san rathad. Gheibhear an geama goilf Neverputt an lùib Neverball.