A' sealltainn naidheachd a-mhàin

Tux Paint 0.9.22 air fhoillseachadh


Tùs: Tux Paint
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
tuxpaintlogo.png
 
Chaidh tionndadh ùr dhen prògram peantaidh Tux Paint fhoillseachadh. Gheibh sibh lethbhreac dheth an-asgaidh air làrach-lìn Tux Paint.

A new version of the painting program Tux Paint has been released. You can get a free copy at the Tux Paint website.
tuxpaint-screenshot.png
 
'S e prògram tarraing dhealbhan an asgaidh a th' anns an Tux Paint a choisinn duaisean agus a bhios freagarrach don chlann eadar 3 is 12 bliadhna a dh'aois (mar eisimpleir, sgoil-àraich is bun-sgoil). Tha Tux Paint 'ga chleachdadh ann an sgoiltean air feadh an t-saoghail gus tarraing dhealbhan air a' choimpiutair ionnsachadh don chlann. Cuiridh e ri chèile eadar-aghaidh a bhios furasta cleachdadh, èifeachdan fuaime spòrsail agus mascat cartùn a threòraicheas an clann nuair a chleachdas iad am prògram. Gheibh a' chlann canabhas bàn agus roghainn de acainnean peantaidh a bheir cuideachadh dhaibh gus a bhith cruthachail.

Tux Paint is a free, award-winning drawing program for children ages 3 to 12 (for example, preschool and K-6). Tux Paint is used in schools around the world as a computer literacy drawing activity. It combines an easy-to-use interface, fun sound effects, and an encouraging cartoon mascot who guides children as they use the program. Kids are presented with a blank canvas and a variety of drawing tools to help them be creative.