A' sealltainn naidheachd a-mhàin

Gàidheal Ùr a' dol a-mach a bith le 'dìth-taic' bho BnG


Tùs: An Gàidheal Ùr.
Air a lorg le: Gràisg
Bhon Ghàidheal Ùr (Màrt 2009)
Às-earrann:
Gu mì-fhortanach tha a h-uile coltas ann gur e seo An Gàidheal Ùr mu dheireadh. Tha e air a bhith ro dhuilich maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus chan eil an taic sin idir coileanta gu leòr airson seirbheis cheart a chumail a' dol -- gun luaidh air am pàipear a leudachadh agus a leasachadh, rud a bu chòir a bhith san amharc fad na hùine. Tha a' bhliadhna a dh'fhalbh air a bhith air leth duilich agus tha am Bòrd fiù 's air gearradh air ais air an taic a dh'aontaich iad aig toiseach na bliadhna ionmhais, sa Mhàrt an-uiridh.
Chan eil e an urra rinne suidheachadh a' Bhùird a mhìneachadh, ach tha iad ag ràdh gu bheil e duilich dhaibhsan, a thaobh riaghailtean, a bhith a' dèiligeadh ri companaidh neo eisimeileach, rud a th' anns A' Ghàidheal Ùr an-diugh, an dèidh dhuinn an dearbh cheum a ghabhail le taic agus làn-aonta a' Bhùird.
Tha planaichean aig a' Bhòrd a thaobh iris Ghàidhlig fhoillseachadh agus ma tha duine sam bith airson fiosrachadh fhaighinn air sin bu chòir dhaibh fios a chur thuca fhèin.
Tha e tàmailteach gum feumar an ceum seo a ghabhail oir 's ioma leasachadh a bha san amharc nan ceadaicheadh an taic dhuinn. Ach, le cùisean cho troimhe-chèile agus gun fhios dè bha gu bhith fa-near dhuinn san àm ri teachd -- fiù 's airson na bliadhna ionmhais a tha a' tòiseachadh an ceann trì seachdainean -- cha robh roghainn ann ach cùl a chur ris airson ar suidheachadh fhèin a dhìon.
Bu mhath leinn taing a thoirt don luchd-leughaidh, do na sgrìobhadairean agus dhan iomadh neach a thug taic dhuinn thairis air na bliadhnaichean.