A' sealltainn naidheachd a-mhàin

Là Hiort 09 - St Kilda Day 09


Tùs: Pròiseact nan Ealan
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Air 29 Lùnastal 2009 bidh a' chiad Latha Hiort a' dèanamh comharrachadh air aon de dh'àitean fìor shònraichte an t-saoghail.

On 29th August 2009 the first ever St Kilda Day will celebrate one of the world's truly spectacular places.
Às-earrann:
Tha Hiort a' laighe 65 cilemeatairean a-muigh sa Chuan Siar, an iar air Innse Gall Alba. Nochd e a-mach à bholcàno mòr o chionn còrr air 50 millean bliadhna agus tha na creagan aige nas àirde na Togalach an Empire State.

Bha daoine a' fuireach air Hiort airson 3,000 bliadhna gus an deach fhalamhachadh ann an 1930 agus tha e a-nis na dhachaigh dha còrr air millean eun. 'S e an aon Làrach Dualchas an t-Saoghail a th' aig UNESCO san RA agus aon de 25 san t-saoghal air fad.

Bidh prògram de thachartasan air feadh Alba a' comharrachadh cuimhneachan-bliadhna fàgail nan 36 Hiortach mu dheireadh ann an 1930. Tha Latha Hiort a' cumail cuimhne air an eilean is air an t-sluagh, air am beatha is an dìleab, ann an ceòl is òrain, facail is ìomhaighean, sgeulachdan is film.

Tha a' chuid mhòr de thachartasan a' gabhail àite air 29 Lùnastal ach sgrùdaibh an làrach-lìn airson tachartasan iomaill sna làithean ro Latha Hiort. Tha na tachartasan fosgailte dha na h-uile agus bu chòir àite a ghleidheadh aig na h-ionadan sam bi iad.

Airson liosta mhionaideach de thachartasan Latha Hiort, le na naidheachdan as ùire, rachaibh gu www.stkilda.eu.

Tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn bho Pròiseact nan Ealan. Fòn 01851 704493 no post-d pne@gaelic-arts.com


St Kilda lies 65 kilometres out into the Atlantic to the west of Scotland's Outer Hebrides. It emerged from a huge volcano more than 50 million years ago and its cliffs are taller than the Empire State Building.

St Kilda was inhabited for 3,000 years until its evacuation in 1930 and it is now home to more than a million birds. It is the UK's only dual UNESCO World Heritage Site and one of only 25 worldwide.

This programme of events across Scotland will mark the anniversary of the evacuation of the last 36 St Kildans in 1930. St Kilda Day celebrates the place and the people, their lives and legacy in music and song, words and images, storytelling and film. BBC ALBA will be showing a number of St Kilda related programmes, so watch out for these in the run up to St Kilda Day.

Most events take place on 29th August but check the website for new fringe events in the days running up to St Kilda Day. Events are open to all and bookings should be made through the venues.

For a detailed listing of St Kilda Day events, including up-to-the minute news and updates, go to www.stkilda.eu.

More information available is from Proiseact nan Ealan. Phone 01851 704493 or email pne@gaelic-arts.com