A' sealltainn naidheachd a-mhàin

FILMALBA 2009 - 4mh Fèis nam Filmichean Gàidhlig sa Ghearmailt


Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Tha FILMALBA 2009 - Fèis nam Filmichean Gàidhlig sa Ghearmailt a' tachairt aig deireadh an t-Samhna.
Às-earrann:
Is e fèis nam filmichean Gàidhlig a tha ann am FILMALBA - fèis a chaidh a chur air chois ann an 2003 mar phàirt den phròiseact uk@nrw ann an Nordrhein-Westphalen, stàit an àird an Iar na Gearmailt. Le taic bhon BhBC, Ministearalachd a' Chultair NRW agus comhairle Baile Bhonn tha e air tachairt 3 tursan gu ruige seo.
Ceithir oidhcheannan de dh'fhilmichean agus cur air bhog leabhair lecuirmean-ciùil uile ceangailte ri cultar nan Gàidheal. Cuiridh sinn fàilte air aoighean à Alba agus às a' Ghearmailt. Tha FILMALBA a' tachairt am bliadhna bhon 28mh den t-Samhain gus an 2na den Dùbhlachd.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.filmalba.de.