Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Tionndadh ùr air Firefox


Tùs: Mozilla.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Gheibhear Tionndadh 4 aig Firefox sa Ghàidhlig a-nis.

Firefox version 4 has been released in Gaelic.

http://www.mozilla.com/gd/firefox

Clasaichean ann am Portland - Classes in Portland


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: Graineag
Roinnean-seorsa: Clasaichean - Classes
Tha clasaichean ùra ri fhaighinn aig Portland Community College.

There are new classes available at Portland Community College.
Às-earrann:
Hallo a h-uile duine,

Thòisich mi Gàidhlig a theagasg aig Portland Community College anns an Fhaoilteach, agus tha rudan a' dol uabhasach math. Tha dà oileanach deug 'sa chlas, agus tha ùidh làidir 'sa Ghàidhlig aca. Bidh clas ùr a' toiseachadh air 28mh am Màirt. Cuiribh post-d thugam airson tuilleadh fiosrachadh.

I started teaching a Gaelic class at Portland Community College (Portland, OR) in January, and things are going extremely well. There are 12 students in the class, and they have a strong interest in Gaelic. A new class for beginners will be starting up on the 28th of March. Send me an e-mail for further info.

Channing

phpBB3 ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha sinn air crìoch a chur air an eadar-theangachadh den phàirt phoblach aig a' bhathar-bhog phpBB3. Ma tha sibh airson bòrd-brath a chur an cois sa Ghàidhlig, gheibh sibh na faidhlichean an-seo.

We have finished translating the public part of the phpBB3 software. If you wish to run a Gaelic-language messageboard, get the files here.

Leabhar Ùr: Blas na Gàidhlig . New book for learning Gaelic pronunciation


Tùs: Comhairle nan Leabhraichean.
Air a lorg le: akerbeltz
Tha Blas na Gàidhlig, an leabhar ùr aig Mìcheal Bauer ga reic le Comhairle nan Leabhraichean a-nis. Gheibhear eacarsaichean feumail is fiosrachadh mìneadach air fuaimean na Gàidhlig ann, bho ciamar a nithear na fuaimean gun dòigh-sgrìobhaidh.

Michael Bauer's new Book, Blas na Gàidhlig, is now for sale at the Gaelic Books Council. It contains useful exercises and detailed information about the sounds of the Gaelic language, from how to produce the sounds to the writing system.

Cuirm Bhliadhnail ann an Inbhir Nis


Tùs: Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.
Air a lorg le: Gràisg
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Thèid cuirm bhliadhnail a chumail anns an talla Eden Court, Dihaoine 18mh den Mhàrt.
Às-earrann:
Far nach bi sluagh cha bhi cànan, agus far nach bi òigridh ga cleachdadh chan eil dòchas leantainneachd aig cànan sam bith.
Ann an consairt fon ainm Guth na h-Òige aig Talla-Cluiche Eden Court air Dihaoine 18 Màrt 2011, dearbhaidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis cuid de mhisneachd choimhearsnachd Ghàidhlig na h-Alba ann an tèarainteachd an cànain.
Mar is dual bidh cuid de phrìomh luchd-ciùil na Gàidhlig air àrd-ùrlar, agus am measg na chluinnear an turas seo bidh: Jenna Chuimeanach, Kirsteen NicDhòmhnaill, Darren MacIlleathain agus Steven MacÌomhar, agus Canntaireachd a' seinn, an Còmhlan Cèilidh Monach Isle, agus am pìobaire òg Brìghde Chaimbeul.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05