Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Dàil air co-dhùnadh mu BhBC Alba


Tùs: BBC Alba.
Air a lorg le: Níall Beag
Chan eil Urras a' BhBC air co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast mu co-dhiù bu chòir sianal diodsiteach na Gàidhlig, BBC Alba, a chur air Freeview.

leug tuilleadh...

Seachdain Ghàidhlig ann am Flòdaigearraidh


Tùs: Sabhal Mòr Ostaig
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
14 - 18 An t-Ògmhios 2010

14 - 18 June 2010
Às-earrann:
An co-bhoinn ri Urras Baile Fhlòdaigearraidh ann an sgìre Thròndairnis, tha Sabhal Mòr Ostaig a' cur cùrsa air adhart airson luchd-ionnsachaidh a tha leth-char fileanta agus a tha ag iarraidh tuilleadh pisich a thoirt air an cuid Gàidhlig. Gheibh sibh cothrom còmhradh nàdarra a dhèanamh le muinntir Fhlòdaigearraidh agus daoine à bailtean eile. Bidh cuairtean ann am baile Fhlòdaigearraidh le fiosrachadh le daoine às an àite.

In conjunction with Flodigarry Township Trust in the district of Trotternish, Sabhal Mòr Ostaig is launching a course for reasonably advanced learners who want to further improve their Gaelic. You will get the opportunity to use Gaelic naturally with people from Flodigarry and other townships. There will be guided walks around Flodigarry with information from locals.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu 01471 888 246 no thoiribh sùil air làrach-lìn aig an t-SMO.

Cearcall Còmhraidh, Fìobha


Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
27mh am Màrt 2010
27th March 2010

Càite/where:
"The Bruce", Falkland
2 - 4 pm

Oràin Ghàidhlig, bàrdachd agus cabadaich!
Gaelic Songs and chitchat

A bheil Gàidhlig agaibh...
Do you speak Gaelic or wish to learn...

Open to anyone with an interest in Gaelic Language, whether learner or fluent speaker (bring your friends along!).

Contact Anna (anndesseyn@hotmail.co.uk)

Co-chomhairle Soidhnichean Dà-chànanach - Bi-lingual signage


Tùs: Comunn na Gàidhlig.
Air a lorg le: Coinneach Cìr
Tha Comunn na Gàidhlig an-dràsta dèanamh rannsachadh air am buaidh a th' aig soidhnichean dà-chànanach aig ionadan sgithidh Albannach. Bhiodh e fìor mhath ur beachdan fhaighinn.

Comunn na Gàidhlig is currently carrying out research on the impact of bi-lingual signs at Scottish skiing centres. It would be excellent to get your opinions.

http://www.cnag.org.uk/soidhnichean

Ionad Ghàidhlig ùr ann an Siorrachd Rois


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: Fionaj
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Às-earrann:
Direach airson fios a cur dhan a h-uile duine gum bidh ionad ùr fosgladh ann am Baile Eoghainn an ath-sheachdain. Bidh An t-Oisean a fosgladh gach Dhimairt eadar 11m-1f airson cothroman a thoirt mun cuairt airson Gáidhlig a'bhruidhinn, neo leughadh na pàipearan Ghàidhealach, cofaidh fhaighinn, faighinn a mach rud sam bith mu dheidhinn Gàidhlig, bileagan msaa. Cuidheachd bi cothhroman ann airson CDs a ceannach- bidh sinn a faighinn clàr-taisbeanaidh bho Highlander Music agus cumidh sinn deagh thagadh dhen ceòl Ghàidhealach.
An t-Oisean (Cornerstone) ann am Baile Eoghainn, Dimairt 11-1f.
antoisean@hotmail.co.uk


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05