A' sgrìobhadh mu na turasan aca fhad 's a bha iad a' siubhail tro eileanan Innse Gall agus mòr-thìr taobh siar na Gàidhealtachd, tha na sgrìobhadairean air leabhran beag iongantach a thoirt dhuinn, a thèid nur pòcaid, le tiotal air leth iomchaidh, 'Cearcaill na Gàidhlig'.
A thuilleadh air òraidean bho na ceathrar sgrìobhadairean, thèid na turasan aca a chur an cèill tro shreath de dhealbhan eireachdail aig a' chiad tachartas Gàidhlig seo airson na Fèise, 's iad na sgrìobhadairean:
- Màiri NicArtair, neach-comhairleachaidh dualchais, sgrìobhadair agus sgeulaiche
- Brian MacUilleim, a' chiad deasaiche aig, agus b' esan a stèidhich, Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich agus a chleachd a bhith na mhinistear riaghaltais
- Dòmhnall Meek, fear-togail bhàtaichean, maraiche, sgrìobhadair agus sgoilear
- Aonghas Pàdraig Caimbeul, bàrd, sgrìobhadair nobhailean, neach- naidheachd, craoladair agus cleasaiche film
Thèid an ceathramh Fèis Aye Write! aig Banca na h-Alba a chumail ann an
Leabharlann Mitchell bho 6 - 14 Màrt 2009.
Thèid na tachartasan airson Cearcaill na Gàidhlig a chumail thairis air dà oidhche:
- Diluain 9 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean Màiri
NicArtair agus Brian MacUilleim an làthair
- Dimàirt 10 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean
Dòmhnall Meek agus Aonghas Pàdraig Caimbeul an làthair
Tuilleadh fiosrachaidh...