Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Cuiribh a' Ghàidhlig air bòrd-bhrath agaibh fhèin le phpBB


Tùs: phpBB.com
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
phpbblogo.png
 
'S e bathar-bog gus bòrd-brath a chur air dòigh air làrach-lìn a tha sa phpBB. Tha sinn air tionndadh Gàidhlig dheth a chleachdadh fad bliadhnaichean air a' bhòrd-bhràth againn fhèin mar-thà ach cha d' fhuair sinn foillseachadh oifigeil airson an eadar-theangachaidh a-riamh air sgàth 's gun robh gnìomhan nan rianairean sa Bheurla fhathast. Uill, thàinig an latha gun do rinn mi a' chùis air an obair seo agus 's urrainn dhuibh a' phacaid cànain a luchdadh a-nuas on làrach-lìn aig phpBB a-nis.

phpBB is a software to set up a messageboard on your website. We have been using a Gaelic version of it on our own messageboard for years now, but we could never get an official release, because the admin panel was still in English. Well, I have finally managed to finish the job and you can now download the language pack from the phpBB website.

Geama ùr - PokerTH


Tùs: PokerTH
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
pokerthlogo.png
 
'S e einnsean poker airson Texas Hold'em a th' anns a' PokerTH a gheibhear an-asgaidh. 'S urrainn dhut cluiche 'nad aonar an aghaidh suas gu 9 co-fharpaisichean coimpiutair no le daoine eile air loidhne no air lìonra. Gabhaidh an eadar-aghaidh atharrachadh le gailearaidh dhe stoidhlichean air loidhne. Tha làrach-lìn rangachaidh le clàraidhean nan toraidhean ann.

PokerTH is a free poker engine for Texas Hold'em. You can play in singleplayer mode against up to 9 computer-opponents or in multiplayer mode online or in a local network. Changeable gui with online style gallery and online ranking website with result tables available.

Bùth-Obrach Wikipedia - Wikipedia-Workshop


Tùs: Acadamaidh na Gàidhlig sa Ghearmailt
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Bùth-Obrach Wikipedia Le: Inge Gerbracht

Di-Sathairne 11 den Fhaoillteach, 11-4 uairean

Acadamaidh na Gàidhlig sa Ghearmailt


Wikipedia – Workshop - Referentin: Inge Gerbracht

Samstag, den 11.1.2014 von 11 – 16 Uhr

Deutsches Zentrum für Gälische Sprache und Kultur
Às-earrann:
Bùth-Obrach Wikipedia Le: Inge Gerbracht

Di-Sathairne 11 den Fhaoillteach, 11-4 uairean


Cuspair: Ciamar a sgrìobhas mi alt airson Wikipedia agus ciamar a chuireas mi a-staigh do shiostam Wikipedia e an uair sin?


Feumaidh sibh: Laptop. Ma tha stick eadar-lìn a dhìth oirbh, leigibh fios dhuinn – tha sinn againn dhuibh.

Ma tha teagsa agaibh mar-thà, a tha - is dòcha - freagarrach do Wikipedia, thoiribh leibh e.


Cosgaidhean: 30,00 eòro. Rim paigheadh anns a' chlas. Ma gheibh sinn maoineachadh airson na bùth-obrach seo, gheibh sibh an t-airgead air ais.


Clàradh: post-dealain gu fios(aig)schottsich-gaelisch.de a-mhàin.



Wikipedia – Workshop - Referentin: Inge Gerbracht

Samstag, den 11.1.2014 von 11 – 16 Uhr


Thema: Wie schreibe ich Wikipedia-Artikel und wie stelle ich sie anschließend in Wikipedia ein?


Voraussetzungen: Bitte Laptop mitbringen. Wer einen Internetstick benötigt, möge dies bitte bei der Anmeldung mitteilen – kann zur Verfügung gestellt werden. Wenn Sie schon einen Text haben, der möglicherweise für Wikipedia geeigent ist, bitte mitbringen.


Anmeldegebühr: 30,00 Euro. Bitte in Bar mitbringen. Wenn der Workshop gefördert wird, wird diese Gebühr vor Ort zurückerstattet.


Anmeldung: Per Mail ausschließlich an info(ät)schottisch-gaelisch.de
Barrachd fiosrachaidh air schottisch-gaelisch.de.

Tha Struileag a' sireadh airgead gus ceòl ùr a chlàradh - Struileag needs your help to record new music


Tùs: Struileag/Shore to Shore @ Facebook.
Air a lorg le: virtualvinodh
struileag_logo.jpg
 
'S e pròiseact a th' ann far an tàinig luchd-ciùil cruinn gus òrain ùr Gàidhlig a sgrìobhadh 's a chlàradh a th' anns an Struileag. Tha airgead a dhìth orra co-dhiù gus an còrr dhe na h-òrain a chlàradh 's nach toir sibh taic dhaibh? 'S urrainn dhuibh èisteachd ri cuid dhe na h-òrain a chlàraich iad gu ruige aeo air Soundcloud. Mas toil leibh iad, nach tadhail sibh air an Kickstarter aca?


Struileag is a project where musicians came together to write and record new Gaelic songs. They are lacking funds though to record the ramaining songs, so why not help them? You can listen to part of the songs they have recorded so far on Soundcloud. If you like them, please visit their Kickstarter.

Ùrachadh air liosta nan tachartasan


Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Tha mi air liosta nan tachartasan a dheasachadh on a chaidh mòran dhe na ceanglaichean à bith. Chuir mi feadhainn ùra ris cuideachd. Gu mì-fhortanach, chan eil a leithid ùine agam gus mìosachan le tachartasan a chur air dòigh, mar sin chan e ach cruinneachadh dhe cheanglaichean a th' ann. Ma tha sibh eòlach air làrach-lìn sam bith eile air a bheil liosta thachartasan sa Ghàidhlig, an cuir sibh fios thugam?

I have edited the events list, because many of the links have become dead. I have added a couple of new ones as well. Unfortunately, I don't have the time to maintain an events calendar of my own, so it's only a linklist. If you know of any other website that keeps a list of Gaelic events, please let me know.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05