Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

phpBB 3.0.10 sa Ghàidhlig


Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha eadar-theangachadh aig an tionndadh 3.0.10 de phpBB deiseil a-nis - na pàirtean poblach co-dhiù. Chan eil Gnìomhan nan rianairean ach letheach slighe fhathast, ach foghnaidh seo gus bùird-bratha a shealltainn don luchd-cleachdaidh sa Ghàidhlig gu lèir.

Luchdaidh a-nuas e an seo.

Skype ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Tha Skype ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis. Briogaibh an seo gus am faidhle is stiùireadh fhaighinn.

Taing do dh'Akerbeltz a-rithist!

Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig Gearran 2012


Tùs: Post-d
'S e cothrom air leth a tha seo, deireadh-sheachdain a chur seachad le sàr luchd‐ciùil is luchd-ealain ag ionnsachadh mu dhannsa‐ceum, dràma, òrain Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile bheag bhòidheach ‐ Ulapul.

Thèid Fèis Rois nan Oileanach a chumail eadar - Dihaoine 24mh - Didòmhnaich 26mh Gearran 2012.

Gu ruige seo, tha fhios againn gum bi Mairead Stiùbhart a' teagasg òrain Ghàidhlig agus Artair Donald a' teagasg dràma. Thèid luchd-teagasg airson obair chòmhlain is dànnsa-ceum a dhearbhadh sa bhliadhna ùr.

Thèid an Fhèis seo a chumail tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin mar sin, feumaidh comas labhairt aig ìre gu math àrd a bhith aig oileanaich is iad comasach air deireadh-sheachdain a chur seachad às aonais Beurla.
Às-earrann:
Cosgais
Cosgaidh an deireadh-sheachdain seo £50 an urra. Tha seo a' toirt a-steach; teagasg agus roghainn de chlasaichean cultarail, àite-fuirich air Dihaoine agus Disathairne (le bracaist), dìnneir agus cèilidh air oidhche Shathairne agus lòn air Disathairne agus Didòmhnaich - Abair bargan!

Clàr-ama:
• Oidhche Haoine - Sèisean is deochan anns a' Cheilidh-Place
• Disathairne - Roghainn de chlasaichean ciùil, dràma agus dannsadh
• Oidhche Shathairne - Ceilidh ann an Talla a' Bhaile
• Didòmhnaidh - Roghainn de chlasaichean ciùil, dràma agus dannsadh

Cuimhnichibh, gun e tachartas nàiseanta a tha seo agus bhiodh e air leth math buidheann de dh'oileanaich bho gach oilthigh fhaicinn! 'S e cothrom a tha seo saoghal nan oileanach Gàidhlig a neartachadh leis an toirt còmhla ann an àrainneachd neo-eisimleach agus neo-fhoirmeil.
Bidh mini-bus a' dol suas bho Oilthigh Ghlaschu le oileanaich à Glaschu agus Dùn Eideann. Ma dh'fhaodte gum biodh cudeigin aig SMO deònach a' mhini-bus agaibh fhèin a thoirt ann?
Thig barrachd fiosrachaidh thugaibh mu dheidhinn seo tràth sa bhliadhna ùr nuair bhios cothrom ann àite a bhucadh tron làrach-lìn Fèis Rois ach san eadar-ama, ma bhios ceistean sam bith agaibh, bhiodh fàilte oirbh sgrìobhadh gu Fiona Dunn aig Oilthigh Ghlaschu: Fiona.Dunn@glasgow.ac.uk

Teisteanas bho an-uiridh le Linda NicLeòid, Oilthigh Ghlaschu
Chòrd Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig rium gu mòr! Bha luchd-teagaisg air leth ann agus leis gun e deireadh-sheachdain neo-fhoirmeil a bh' ann, bha a h-uile duine aig fois agus thug seo cothrom dhuinn eòlas a chur air a chèile is abair gun robh spòrs againn! Bha e math coinneachadh ri oileanaich bho oilthighean eile agus mholainn e do dhuine sam bith a bha beachdachadh air a dhol ann.

Wordpress.org sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Rinn Akerbeltz eadar-theangachadh air WordPress.org. 'S e bathar-bog gus blogaichean a sgrìobhadh a th' ann agus is WordPress.org an tionndadh deth a stàlaicheas tu air an fhrithealaiche agad fhèin. Tha tionndadh eile, WordPress.com ri tihighnn uaireigin san ath-bhliadhna.

Faigh e!

A' cruthachadh trusadh bhideothan air YouTube


Tùs: YouTube
Thòisich sinn air bhideothan sa Ghàidhlig a thrusadh air YouTube. Tha leudachadh an-còmhnaidh a dhìth is cuiridh sinn fàilte air moladh bhideothan tro post-d no air a' bhòrd-bhrath againn no air an t-sianal YouTube againn fhèin.

We have started collecting Gaelic language videos on Youtube. We are always looking for more, so if you have a suggestion, please let us know per e-mail, on our messageboard, or directly on our YouTube channel.

http://piped.kavin.rocks/user/foramnagaidhlig


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05