Play Gaelic
Faclan aig Calum Dòmhnallach
Bha mi raoir a' siubhal drathair
'S thàinig dealbh do mo làimh
Dealbh mo sheanmhair is mo sheanair
'S balach òg na shuidh' ri 'n taobh
'S iad ag obair aig na sguaban arbhair,
Shuidh mi g'an coimhead fad' na h-oidhch'
Thàinig cianalas na m' chridhe
'S thàinig cuideam na mo làimh
Chan e aois a tha mi sabaid
Chan e mo bheatha nach eil slàn
'S e bhith fuireach ann a' saoghal maide
Le chuid dhaoin' nach tuig mo chainnt
Dh'fhalbh mo sheanmhair is mo sheanair
Thuit na sguaban arbhair sìos
Dh'fhalbh mi gu saoghal eile
'S dh'fhalbh a' Ghàidhlig bho mo bheul
Uair eile gu bhith dhachaidh,
Uair eile gu bhi beò
Ruith mu'n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhi òg