Geamannan brabhsair – Browser Games
Tha lorg air an tòimhseachan seo, Ludus Sancta Petri, cho fada air ais ris an 9mh linn. Tha iomradh air ann an iomadach cànan. Anns a' Ghàidhlig agus ann an Gàeilge na h-Èireann, tha e tric a' ruith/ga chluich air an sgeulachd seo, a' toirt a-steach a' ghaisgich ainmeil Fionn agus a' cheannaird nàimhdeil Dubhan. Cluich Àireamh Mhuinntir Fhinn agus Dhubhain air-loidhne an-dràsta.
Seo geama beag a rinn mi leis a' chànan prògramachaidh Scratch.
Ann an siud lorgaidh tu geamannan 'Flash' agus coimigean stèidhichte air cuid de na caractaran as èibhinne anns a' Ghàidhealtachd. Tha na coimigean agus na geamannan uile ann am Beurla agus ann an Gàidhlig airson do chuideachadh a dhol an-sàs annta.
There you will find Flash games and comics based on some of the Highlands' most amusing characters. All comics and games are in English and Gaelic to help you get into the swing of things.
Geama tòimhseachain. Feuch am faigh thu a-mach dè am facal a th' ann. Le liosta mòr de dh'fhaclan air neo ainmean-àite.
Bho mheanbh-chuileagan gu mìrean-measgaichte tha spòrs is fealla-dhà ann an seo airson a h-uile duine.
Enter the world of Aberant and help Colin overcome various obstacles by learning Gaelic.
'Eil thu air do shàrachadh le coinneamhan no òraidean làn buzzwords? Seo beagan dibhearsan dhut!
Geama beag a rinn mi le Scratch. Siubhal cuartan 's na tuit sna tuill.
Loisg air na dreagan no gluais gu sgiobalta ach nach buail iad air an t-soitheach-fhànais agad.
Comharraich na faclan a tha boireann. Stèidhichte air a' Bhriathrachan Bheag.
Cuir na leacan san òrdugh cheart gus ìomhaigh ath-chruthachadh.
Recreate an image by putting the tiles into the correct order.
Tàileasg air loidhne an asgaidh. Cluich an aghaidh a' choimpiutair neo le daoine eile.
Dèan a' chùis air an nàmhaid mus tèid na longan agad fhèin chun a' ghuinnd.
Defeat the enemy before your own ships are sunk.
Seo geama a chaidh a dhèanamh le Scratch. Briog air na leacagan ach feuch nach briog thu air mèinn!
Geama gus na h-àireamhan a thrèanadh.
Cruinneachadh de dh'gheamannan flash le fiosrachadh mun phàrlamaid 'nam broinn.
Geama Tetris sa Ghàidhlig stèidhichte air Js Tetris 1.19.
Thoir biadh dha na cearcan leis an luchag. 'S urrainn dhut nithean a cheannachd 's a reic cuideachd. Na dìochuimhnich cùram a ghabhail dhen achadh!
Seo geama a tha car coltach ri Scrabble. Cluichidh tu an aghaidh daoine eile air an lìon, a' cur sìos faclan Gàidhlig air bòrd agus gheibh thu puingean a-rèir dè cho ainneamh 's a tha na litrichean a chleachd thu agus dè na ceàrnagan air an do chuir thu am facal. Gu math furasta agus dùbhlanach aig an aon àm! Obraichidh seo air iomadh ùrlar, gabhaidh a chluich ann am brabhsair sam bith ach a bharrachd air sin tha aplacaidean Android, Blackberry Playbook, iPads is iPhones agus Windows Phone 7 ann!
This game is a bit similar to Scrabble. You basically play against other people on the net, trying to put down Gaelic words on a board and depending on the value of the letters and what fields you put them on, you get points. Both simple and challenging in Gaelic! It works on many platforms - any browswer of course but there are also apps for Android, Blackberry Playbook, iPads and iPhones and Windows Phone 7 on top of that!
Seo geama fhaclan. Tha e gu math spòrsail 's chan eil e doirbh ri thuigsinn. Tha litrichean a' tuiteam a-nuas agus tha agad ri faclan a chruthachadh leotha (nuair a choileanas tu facal, briog air DEARBH 's ma tha am facal air a dheagh-litreachadh, thèid na litrichean ud air falbh). Mus tuit cus dhiubh. Car mar mheasgachadh de Wordtris agus Scrabble.
This is a word game. It is good fun and not hard to understand. Letters fall down and you need to build words (which clears the letters off the screen when you click DEARBH and if the word is correctly spelled) before too many build up and bring the game to an end. A bit like a cross between Wordtris and Scrabble.
An deasachadh mu dheireadh: 18mh dhen Dàmhair 2022 18:16:39