Abhainn an t-Sluaigh
1991
The Big Wheel
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Chan eil an t-adhar os cionn Lunnainn
A-nochd soilleir no dorch
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Gun sgeul air coinneal mòr latha
No reultan na h-oidhche
Fada bho abhainn an t-sluaigh
An seo 's am baile gun chadal
Gun fhois is gun saorsa
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Casan a' gluasad
An abhainn an tuil
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Na cuibhlichean, 's cabhaig
A' tionndadh gun sgur
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Cus ag adhradh beairteas
Aig altair an t-saoghail
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Càch gun dòchas gun dachaigh
Air sraidean gun ghaol
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Leis gach dath is gach creideamh
Gach cainnt às gach ceàrn
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Gach ceist is gach freagairt
sìos an abhainn gu cuan
Fada bho abhainn an t-sluaigh ( x6 )
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:13:48
© 1991 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.