Fichead Bliadhna
1979
The Highland Connection
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Ruith 's a mhonadh - Ruith nam beann
'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh
'Nar clann - Aig còig bliadhna dh' aois
'S gun facal Beurla 'nar ceann
Seo do leabhar - Seo do pheann
"Dèan do leasan," thuirt iad riumsa
"'S gun èirich sibh suas anns an t-saoghal
'S gheibh sibh air adhart ann"
Fichead bliadhn' airson firinn
B' fheudar dhomh feitheamh
'S b' fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn
Dh'ionnsaich sinn a leithid ann
Cànan 's bàrdachd, bàrdachd Bheurla
Ceòl na Gearmailt - Eachdraidh na Spàinnt
'S b' e sin an eachdraidh mheallt
Bhon sgoil don oilthigh chaidh sinn ann
A' leantail foghlum, tuilleadh foghlum
Mar amadan air deireadh streang
Seòrsa de dh'fhoghlum nam cheann
Ach dh'èirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mi deise is fhuair mi lèine
Fhuair mi àite ann an sùilean dhaoin'
Fada bhon mhonadh mi 'n dràsd
Carson a chùm iad eachdraidh bhuainn?
Innsidh mi dhut, tha iad gealtach
Mas èirich clann nan Gaidheal suas
Le ceistean sireach is cruaidh
Nuair a thòisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shùilean
Obair olc
Fichead bliadhn' 's mi aineolach
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:38:31
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.