Pog Aon Oidhche Earraich
1993
Amazing Things
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
An saoghal, sia uairean
Obair là ri cùl
Teaghlach gabhail dhan a' mheas
Pailteas, slàinte, is gaol
An Ruis a tuiteam sìos mu'm chluasan
An Ear Mheadhain am brot cho dorch
Is thusa, uilc is a' mhuirt is a' shabaid
Na mo bheatha a h-uile oidhche
O luaidh be siod an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an dràsda
Co shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho phòg aon oidhche earraich
An greim cho teann 's àraid
Mar òrd na mo dhòrn
A' ghealach a bha cho soilleir
'S a gheall a leithid dhuinn
Bha sinn mar longan seòlaidh
Air cuan buidhe òg a' chridhe
Mu coinneamh clann an t-saoghail 's theaghlaich
Gun ghuth no gàire, Dia, no biadh
(Sèist)
"Cò às an d'thàinig na reultan", thuirt mi
"Cò às an d'thàinig grian"
Tha sinn cho leòinte fon a' ghealach seo
Anam cràidhte seachad air ifrinn fhèin
Ach tha thusa brosnachadh nam bliadhnaichean
Le saidhbhreas seachad air mo dhìth
Cho geal ri sneachd gach uile gheamhradh
An t-òran gaoil m' fhaosaid chiontach fhèin
(Sèist)
(Sèist)
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:04:44
© 1993 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.