Ribhinn Donn
1999
In Search of Angels
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
O mo rùn
Tha an oidhche gheamhraidh reòite is fuar
Na bliadhnaichean dol bhuainn
Is bhon chiad là gheall mi dhut
Chuir sinn seachad cuairt am bliadhn'
Is gach uile gheamhraidh anns a bhlàths
A chailin òg dhan tug mi luaidh
Aon earrach ùr
O mo rùn
Tha an là a tha ann cho truagh ri gaol
Gann tha an cridhe nach diùlt
Is a bhòid a mhaireas buan
O òigh, àlainn, chiùin
Cò eile air thalamh ghabhadh t-àit'
Gun siubhlainn leat gu cùl na grèine
Is gu crìoch là
Mo rìbhinn òg
Mo rìbhinn donn
Gun siubhlainn leat gu cùl na grèine
Is gu crìoch là
O mo rùn
Tha mi mar as àbhaist is mi 'nam aon
Na mo shuidhe sgrìobhadh dhàn
Se seo dòigh mo dhaoine
Is molaidh mi do chliù
Le òran ceangailt anns an nòs
Is ged sheasainn air gach uile reul
Bhiodh tu os cionn
Mo rìbhinn òg
Mo rìbhinn donn
Is ged sheasainn air gach uile reul
Bhiodh tu os cionn
Mo rìbhinn donn
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:10:15
© 1999 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.