Tir An Airm
1981
Recovery
Faclan aig Calum Dòmhnallach
An tèid thu leam a rìbhinn òg
Gu tìr mo gràidh sìtheil sona
'S chì thu saighdearan a' ruith
Am measg nan lusan brèagh 'sa mhonadh
Ho ro horain O
Fàilte gu tìr an airm
Ho ro horain O
A' coimhead a mach air madainn chiùin
Air ball mòr cruinn os cionn na beinne
'S bhon os ciùin na tonnan gorm
Tha ceòl ùr aig ceòl na mara
'S an tèid thu leam gu tìr mo ghràidh
Seall na h-eòin dhorcha dhona
Treabhadh speuran as ar cionn
Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig
Nis leugh t-eachdraidh, fosgail sùil
Anns gach linn mu dhòigh an airm
Stampadh air na croitean seagail
'S beathannan òg aig gillean Uibhist
Cha tèid mise gu an rìgh
Cha tèid mise an corr a shabaid
O Lunnainn mheallt, a Bhreatuinn fhoilleil
Cha seas mi ach 'son sìth nan eilean
Ho ro horain O
Fàilte gu tìr an airm
Ho ro horain O
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:04:58
© 1981 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.