An Toll Dubh
1981
Recovery
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Taobh cùil an dorais - cha bhi grian
Suidh aig bòrd
Cha bhi biadh 's cha bhi fìon
Taobh cùil an dorais - cha bhi grian
Cha bhi biadh 's cha bhi fìon
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gaidheal 'sa leabaidh
An Gaidheal na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Thàinig e à Sasainn ann
Thàinig e
Le eachaibh luath is iuchair throm
Thàinig e à Sasainn ann
Le eachaibh luath is iuchair throm
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gaidheal 'sa leabaidh
An Gaidheal 'na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Air làr 'san toll-dhubh - cha bhi grian
Cha bhi gealach
'S dubh an oidhche chaidleas sinn
Air làr 'san toll-dhubh - cha bhi grian
'S dubh an oidhche chaidleas sinn
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gaidheal 'sa leabaidh
An Gaidheal 'na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:32:25
© 1981 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.