An Ubhal as Airde

runrig-the-cutter-and-the-clan.jpg
 
The Cutter and the Clan

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Còmhla rium
A tha thu an dràsd
Mo shùilean dùinte, mo chuimhne dàn
Nam sheasamh a' coimhead
Gach cnoc is gach tràigh
Is an sìol a dh'fhàg thu ann a' fàs

Tha an gàrradh làn
Le craobhan treun
Le meas a' fàs dhuinn ann ri bhuain
Ùbhlan abaich
Milis geur
Ach tha aon ubhal nach ruig sinn idir air

Sèididh gaoth is dearrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan linn gu linn

Ach thig an là is thig an t-àm
Airson an ubhal as àirde
Air a' chraobh a' bhuain

Is cò 'nar measg
A mhaireas là
Seachad air àm is air oidhche fhèin
A' liuthad uair
A shreap mi suas
Airson an ubhal as àirde chur gu beul

Sèididh gaoth is dearrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan linn gu linn

Ach thig an là is thig an t-àm
Airson an ubhal as àirde
Air a' chraobh a' bhuain
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:33:52
© 1987 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.