A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Cuirm Bhliadhnail ann an Inbhir Nis
5mh dhen Mhàrt 2011 12:09:30
Tùs:
Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.
Air a lorg le: Gràisg
Thèid cuirm bhliadhnail a chumail anns an talla Eden Court, Dihaoine 18mh den Mhàrt.
Às-earrann:
Far nach bi sluagh cha bhi cànan, agus far nach bi òigridh ga cleachdadh chan eil dòchas leantainneachd aig cànan sam bith.
Ann an consairt fon ainm Guth na h-Òige aig Talla-Cluiche Eden Court air Dihaoine 18 Màrt 2011, dearbhaidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis cuid de mhisneachd choimhearsnachd Ghàidhlig na h-Alba ann an tèarainteachd an cànain.
Mar is dual bidh cuid de phrìomh luchd-ciùil na Gàidhlig air àrd-ùrlar, agus am measg na chluinnear an turas seo bidh: Jenna Chuimeanach, Kirsteen NicDhòmhnaill, Darren MacIlleathain agus Steven MacÌomhar, agus Canntaireachd a' seinn, an Còmhlan Cèilidh Monach Isle, agus am pìobaire òg Brìghde Chaimbeul.