5 Latha de Ghnìomhan Gàidhealach
Le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal toilichte tachartas còmhnaidh a chumail anns Na Gearrannan, Eilean Leòdhais eadar 9 agus 14 Giblean 2012.
Bidh '5 Latha' a' toirt cothrom sònraichte do chlann a tha san àrd-sgoil, agus a tha fileanta sa Ghàidhlig, ionnsachadh mu obraichean traidiseanta a bha, agus a tha, cudromach ann am beatha nan Gàidheal mar croitearachd, iasgach agus an Clò Hearach a bharrachd air oideachadh ciùil is òrain agus sgilean còcaireachd.
Rè na seachdain, bidh com-pàirtichean a' fuireach ann an coimhearsnachd Gàidhlig far am bheil na h-obraichean seo fhathast nam pàirt chudromach de bheatha muinntir na sgìre. Gach latha bidh am buidheann a' tadhal air daoine aig a bheil sàr eòlas air an obair aca, agus a bheireadh cothrom do chom-pàirtichean ionnsachadh fhaighinn air na h-obraichean seo eadar a' coimhead an dèidh caoraich aig àm breith nan uan, buain na mònadh, obair a' bhradain, trusadh maorach agus obair leis a Chlò Hearach bho snàth gu seacaid. Bidh taisbeanaidhean bìdhe gan toirt seachad gach latha le cothrom ionnsachadh sgilean còcaireachd agus biadh traidiseanta a' dhèanamh le grìtheidean na sgìre.
Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean airson 5 Latha a fhrithealadh, bidh sinn a' tabhann cothroman sònraichte ceòl is òrain ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig cuideachd nam measg Norrie MacIomhair (Seinneadair Gàidhlig na bliadhna) bhon chòmhlan Mànran.